Episode 23
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
Air an 30mh den Dà mhair 1915 chaidh a' choinneamh mu dheireadh de Chomataidh nan Dardanelles aig Caibeanat Riaghaltas Bhreatainn a chumail, comharra eile gun robhas an impis toirt suas air iomairt Ghallipoli. Dà latha roimhne sin bha Sir Charles Monro a bh'air gabhail thairis bho Sir Iain Hamilton os cionn Feachd na Muir Mheadhan-Thìreach air cuairt a ghabhail timcheall Bagh Suvla agus Anzac Cove. Chuir na chunnaic an Rothach uiread de dh'uamhas air 's gun do mhol e na feachdan a tharraing air ais. Cluinnidh sinn bho Mhurchadh MacIllFhinnein à Beinn na Fadhla a bha còmhla ris na Lovat Scouts mu cho duilich agus a bha cùisean dhaibh.
Air an 6mh den t-Samhain 1915 , thà inig crìoch oifigeil air dà rna batal Champagne. B' e seo an ionnsaigh a thòisich na Frangaich air a' 25mh dhen Sultain. Chailleadh faisg air ceud gu leth mìle saighdear Frangach ri linn, agus, ged a chaidh aca air gluasad air adhart suas ri dà mhìle gu leth ann an à iteachan, cha deach aca, an à ite sam bith, air dà rna loidhne-dìon nan Gearmailteach a ghlacadh. Chaill na Gearmailtich còrr air ceithir fichead mìle duine, le còig air fhichead mìle dhiubh sin nam prìosanaich aig na Frangaich.
Agus mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse chaidh am bà ta Eadailteach SS Ancona a chur fodha air an 7mh den t-Samhain far chosta Tunisia leis a' bhà t'-aigeil, U-38, a bha seòladh fo bhratach na h-Ostair. Bha an Ancona, là n luchd-siubhail, air a slighe à Messina gu New York, agus chailleadh còrr air dà cheud duine, naoinear Ameireaganach nam measg. A' tighinn dìreach sia mìosan an dèidh call an Lusitania, chuir call an Ancona ris an fhearg mu chogadh nam bà taichean-aigeil, a bha sìor dhol am meud an Ameireagaidh. Cluinnidh sinn mu na rinn na h-Ameireaganaich mu dheidhinn.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill cuideachd ag innse mu aithris ann an iris na h-Eaglaise Saoire, a Monthly Record, san t-Samhain 1915, anns a robh iomradh air bàs fear Iain Mac an Lèigh no Iain Puth mar a chante ris. Bhuineadh e do Shiadar an Taobh Siar agus tha e coltach gu robh e gu ìre mhòr mar mheadhan air ministear le Gà idhlig fhaighinn airson a' champa anns an robh e fhèin agus mòran eileanaich eile nam prìosanaich ann an Groningen san Òlaind. Cluinnidh sinn an aithris air an tiodhlacadh aige.
Cuideachd, beagan an dèidh meadhan-latha, air 17mh den t-Samhain, chaidh bà ta air an robh an Anglia a chur fodha le mèinn faisg air Dòbhar.
Chaidh an Anglia a thogail ann an gà rradh-iarainn Uilleam Denny ann an Dùn Breatainn agus ron chogadh bha i ag aiseag luchd-siubhail eadar Èirinn agus Alba. Aig toiseach a' chogaidh chaidh a gabhail thairis leis an Riaghaltas airson a bhith ag aiseag shaighdearan leòinte dhachaigh às an Fhraing.
Bha mu cheithir cheud neach air bòrd nuair a bhuail i ann am mèinn a bha UC-5 air fhà gail. Chaidh a tolladh agus thòisich i a' dol fodha gu luath. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig mar a thachair.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 23 Nov 2015 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 23 Nov 2015 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Nov 2015 12:5891Èȱ¬ Radio nan Gà idheal