Episode 17
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
Air an 26mh den Ògmhios 1915 sgrìobh Murchadh Moireach bhon a' Bhac a Leòdhas, a bha gabhail beagan fois air cùl na loidhne as an Fhraing, chun a' mha'-sgoile a bh' air a bhith aige ann a Sgoil 'IcNeacail. B' e droch naidheachd a bh' aige agus a' bhuidheann bheag de Leòdhasaich a bha còmhla gu seo a-nis air an sgaradh gu siorraidh. Air an 26mh den Ògmhios cuideachd nochd naidheachd às an Ruis gun robh Ministeir a' Chogaidh, an Seanaral Vladimir Sukhomlinov, air a dhreuchd a chall.
Air an 27mh chaidh feachdan Breatannach agus Innseanach a-steach gu Gearasdan Nasiriyeh air bruaichean an Abhainn Euphrates. B' e seo an dara pà irt dhen ionnsaigh samhraidh aig a' chommandair Breatannach Sir John Nixon. Às dèidh baile Amara a ghlacadh nas trà ithe san Ògmhios bha Nixon a-nis airson ceann a deas Mesopotomia a ghabhail thairis gu lèir agus na feachdan Turcach a phutadh a-mach à Nasiriyeh.
Agus bha an strì mharbhtach airson smachd fhaighinn air na Dardanelles fhathast a' leantainn. Air an 28mh den Ògmhios thòisich sabaid eile aig Gully Ravine. Dà mhìos às dèidh dhan iomairt tòiseachadh bha cùisean gu math duilich a-nis dha na feachdan Co-chòmhraigeach, an aghaidh à rainneachd agus nà mhaid a bha gu math deuchainneach. Cluinnidh sinn às an tasglann bho Mhurchadh MacIllFhinnein à Beinn a Bhaoghla, Murchadh Sheonaidh Fhearchair air cho buileach doirbh agus a bha an suidheachdadh san robh iad.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill cuideachd ag innse mar a thà inig naidheachd à Afraga air an 9mh den Iuchar 1915 gun ghèill na Gearmailtich ris na feachdan aig an Seanaral Louis Botha. B' e buaidh chudromach a bha seo oir bha iar-dheas Afraga air a bhith mar phà irt de dh'Ìompaireachd na Gearmailt bho dheireadh na naoitheamh linn deug. A thaobh meudachd bha an sgìre a bha fo smachd cha mhòr a dhà uiread ri Ìompaireachd na Gearmailt san Roinn Eòrpa. Thòisich an iomairt aig an Seanaral Botha sa Ghearan 1915 agus le armachd de 40,000 saighdear - Afraganaich agus Breatannaich - chuir iad ruaig air na Gearmaitich gus am b'fheudar dhaibh gèilleadh.
Mar a shaoileadh duine chaidh fèill mhòr a dhèanamh air a' bhuaidh sna meadhanan Afraganach is Breatannach le cuid a' moladh gum bu chòir an sgìre a-nis ainmeachadh as ùr mar 'Bothaland'. 'S dòcha nas cudromaiche ge-tà , bha a' bhuaidh ann an Afraga a saoradh feachdan a dh'fhaodadh taic a chumail ri iomairt nan co-chòmhraigich ann na raointean eile dhen chogadh, agus nas anmoiche air a' mhìos ghabh riaghaltas Bhreatainn ri tairgse 7,000 saighdear a ghluasad dhan Fhraing.
Gheibh sinn a-mach cuideachd mar a thòisich an dà rna seachdain den Iuchar 1915 leis an naidheachd gu robh soithichean Breatannach, an dèidh mòran strì, air an t-soitheach Ghearmailteach, an Königsberg a sgrios. Ann an Gallipoli rinneadh oidhirp eile, a' siathamh tè, air Achi Baba, cnoc às a bheil sealladh fradharcach air Ceap Helles, a ghlacadh bho na Tuircich ach an dèidh dà latha de bhlà r b' fheudar dhaibh leigeil à s. Chaidh Achd Clà raidh Nà iseanta tro Thaigh nam Morairean air a' cheathramh latha deug den mhìos agus cluinnidh sinn mar a chaidh mèinnearan na Cuimrigh air stailc a dh' aindeoin 's gu robh an Riaghaltas a' cumail a-mach gu robh iad a' briseadh Achd an Àirneis-chogaidh - a' Munitions Act.
Last on
More episodes
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 20 Jul 2015 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 20 Jul 2015 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jul 2015 12:5891Èȱ¬ Radio nan Gà idheal