Episode 16
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
An t-seachdain sa cluinnidh sinn gu robh biadh agus aimsir air aire grunn de na balaich a bha a' sgrìobhadh dhachaigh neo a' cumail leabhar-là . Bha iad a' cur luach air na bha iad a' faighinn de bhiadh, bhon taigh gu h-à raid, ach cluinnidh sinn cuideachd gu robh lof na annas do chuid dhiubh.
Bha an aimsir san Fhraing fliuch le stoirmean eagalach, agus bha an t-uisge a' tionndadh nan trainnsichean nam poll, a' fà gail cor nan saighdearan nas mhiosa na bha e riamh.
Le cunntas sgrìobht' agus aithris bho dhithis a bha còmhla riutha sa chogadh, tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' mìneachadh air na thachair nuair a chaidh Murchadh MacÌomhair, Murchadh Alasdair Mhurchaidh Alasdair, a bhuineadh do Chol ann an Leòdhas agus Seòras MacSuain, Seòras Iain 'ain Duinn à Garrabost, a mharbhadh san Fhraing air an 16mh den Ògmhios 1915, an dithis leis an aon slige. Bha an dithis sna Gòrdanaich.
'S e Ciad Bhlà r Bellewaarde an t-ainm oifigeil airson a' bhatail a chaidh a chuir air an t-siathamh là deug den Ògmhios 1915 ach tha e glè thric air ainmeachadh air Ypres on is ann san sgìre sin a tha Bellewaarde, faisg air baile Hooge. Nuair a chrìochnaich Dara Blà r Ypres aig deireadh a' Chèitein 1915, chaidh an talamh timcheall tuathanas Bellewaarde fhà gail ann an là mhan nan Gearmailteach. Tha e beagan nas à irde na 'n talamh mun cuairt agus mar sin bha sealladh math aig na Gearmailtich bhuaithe air an sgìre. Bha e cuideachd a' bruthadh na loidhne Bhreatannach a-steach beagan.
Bha arm Bhreatainn airson Bellewaarde a bhuannachd air ais air sgà th sin agus chuireadh ionnsaigh mhòr air chois airson an t-siathamh latha deug den Ògmhios.
Air an naoitheamh latha deug dhen Ògmhios 1915 bha an Seansalair Daibhidh Lloyd George aig co-labhairt armachd ann am Boulogne san Fhraing. Air a' chlà r-gnothaich bha a' cheist mu ciamar a thigeadh aig Breatainn san Fhraing ceum a chumail ris an à ireamh ghunnachan a bha a' Ghearmailt a' toirt dhan Arm aca. Às dèidh na co-labhairt chaidh aithris a sgrìobhadh a' cur a-mach na bhiodh a dhìth de ghunnachan agus peilearan airson Arm de mhillean saighdeir no leth-cheud 's a ceithir rèiseamaid. Chaidh a thomhas gum feumadh an à ireamh pheilearan is stòr-cogaidh èirigh bho 114,000 cuairt gach seachdain san Ògmhios 1915 gu 600,000 gach seachdain sa Ghiblean 1916. Bha sin a' ciallachadh gun robh na factaraidhean airm air feadh Bhreatainn gu bhith gu math nas trainge bho seo a-mach.
Cluinnidh sinn cuideachd bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu Bhatal Lemberg. Cha robh ach dà rèiseamaid Ruiseanach a' dìon a' ghearastain aig Lemberg fo stiùir an Seanaral Brusilov. 'S e gearastan cudromach Austro-Ungà rianach a bh'ann aig ceann an iar nam beanntan Carpathian, agus bha na Gearmailtich dha iarraidh air ais.
Last on
More episodes
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 29 Jun 2015 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 29 Jun 2015 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jul 2015 12:5991Èȱ¬ Radio nan Gà idheal