Episode 8
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gà idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gà idhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig air 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal.
Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnà thasan-cainnt agus abairtean ann an Gà idhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gà idhlig.
A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghrà mair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghrà mair Gà idhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghà idhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà ³¾²¹°ù na Gà idhlig, a' mìneachadh dà phuing grà mair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig, gu h-à raid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig, bho Robyn Ireland.
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 1: Prògram 8
Duration: 26:54
-
Tar-sgrìobhadh: Eadar Dà Shaoghal
Duration: 02:29
-
Tar-sgrìobhadh: Eileanaich: Na Hearadh
Duration: 01:58
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 08:26
Tar-sgrìobhadh – Eileanaich: Na Hearadh TX: 16.06.11
Guthan: Hamish Mac An TÃ illeir
Marion NicLeòid
Dòmhnall Iain Moireasdan
Ann an 2011, bha 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal a’ comharrachadh Bliadhna nan Eilean ann an diofar dhòighean. Chaidh sreath de phrògraman le muinntir nan eilean eadar-dhealaichte a dhèanamh anns an robh iad ag ìnnse dhuinn mu na h-eileanan san deach an togail. Anns a’ chriomag seo tha na h-eileanaich Hamish Mac an Tà illeir, Dòmhnall Iain Moireasdan agus Marion NicLeòid a’ beachdachadh air an eilean aca fhèin, na Hearadh.
Marion: Sìth is sonas saoilidh mi, as fheà rr leam anns na h-eileanan. ’S toil leam, mar gum biodh, bhiodh tu ag èirigh a h-uile là ann a shin is chan eil uallach ort taca ri mar a bhiodh tu anns a’ bhaile mhòr. Mar gum biodh suidheachadh uabhasach socair agad anns na h-eileanan. Dòigh-beatha socair ann. Nan tachradh cà il dhut, tha an-còmhnaidh cudeigin ann leis an èigheadh tu, cha dèanadh tu sin sa bhaile mhòr saoilidh mi.
Hamish: Bidh sinn a’ cluinntinn tòrr mu dheidhinn bòidhchead na Hearadh, is tha sinn ga chluinntinn an-diugh ’s dòcha barrachd na bha sinn riamh. Tha luchd-turais a’ tighinn a-staigh, agus chì sinn air an telebhisean is cluinnidh sinn daoine ga mholadh. Ach dhomh fhèin, chan eil ann an eilean sam bith ach cnap-talmhainn neo ’s dòcha cnap-cloiche neo cnap-gainmhich. ’S e a tha a’ dèanamh an eilein dhòmhsa ach na daoine a tha a’ fuireach ann. ’S e sin a tha a’ cur cumadh air, agus ’s e sin a tha a’ toirt bith dha.
Dòmhnall Iain: Oh ’s e.
Hamish: Agus a thaobh na Hearadh, chanainns’ gur e à ite a th' ann far am faigh thu aoigheachd, eilean iriosal, eilean tùrail, eilean ciallach. Chan urrainn dhomh gun a bhith ga mholadh! (a’ gaireachdainn) Agus eilean anns an robh tòrr foghlam fada mun tà inig an saoghal gu bhith mar a tha e an-diugh.Ìý An t-à ite à s an tà inig tu fhèin a-muigh an sin, bha e air à ite cho foghlamaichte ged a bha e iomallach, à ite cho foghlamaichte a bh’ anns na Hearadh, is ma bha, bha e air à ite far an robh sluagh cho foghlamaichte ’s a bha san rìoghachd.
Dòmhnall Iain: A bharrachd air sin, tha mi a’ smaoineachadh rud eile a tha cudromach agus ionmholta, ’s e an t-saorsa agus an tèarainteachd a th’ againn. Nuair a bhios mise a’ dol dhan leabaidh air an oidhche, chan eil mi a’ glasadh an dorais fhathast co-dhiù. Agus, tha fhios agad gu bheil thu tèarainte na do dhachaigh is ma tha thu airson a dhol a-mach dha na beanntan neo a-mach dhan a’ chuan neo iasgach neo shealg, tha an saorsa sin agads'.Ìý Agus a-rithist, tha e math a bhith a’ coinneachadh ri daoine, ri nà baidhean is luchd-eòlais, is a’ còmhradh 's a’ conaltradh is fealla-dhà a bhith agad cuideachd.
Tar-sgrìobhadh – Eadar Dà Shaoghal TX: 28.03.14
Guth: Dòmhnall MacLeòid
Criomag bhon phrògram Eadar Dà Shaoghal a chaidh a chraoladh na bu thrà ithe am-bliadhna. San t-sreath seo, dh’inns’ Dòmhnall MacLeòid, fear a tha aithnichte air Radio nan Gà idheal mar sìc-eòlaiche, sgeulachdan mu là ithean-òige ann am Beà rnaraigh, Leòdhas. Sa phìos a tha seo, tha Nollaig a’ teannadh orra. Ged nach eil e buileach a’ tuigsinn nan cleachdaidhean Nollaige air fad fhathast, tha Dòmhnall òg air bhioran.
¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô:
"¶Ùè cho fada ’s a tha e gu Christmas?" dh’fhaighnich mi dha mo mhà thair.
"Oh, tha e co-dhiù...ceithir mìle", ars ise.
Cha do chòrd e rium gur ann a’ tarraing asam a bha i.
"Huh", ars mise.
"Oh, tha còrr air mìos ann fhathast. Tha an t-seachdain sa, is an tè às dèidh sin is an tè às dèidh sin is an tè às dèidh sin, agus an uair sin, bidh Christmas ann".
Bha a h-uile cà il a bh’ ann ga mo chur troimh-a-chèile. Bha catalog là n toys is stuthan Christmas air a thighinn bho Gamages. Ach cho fad ’s a chithinnsa, cha robh Christmas a’ dol a thighinn ann am bith.
Bha an t-sìde fhèin a’ stad. Bha an sgoil cho dòrainneach ris an eaglais is cha robh guth ann an à ite seach à ite air Christmas. Cha robh mise a’ tuigse dè bu choireach nach robh daoine a’ dol drol a’ feitheamh.
"’S ann aig à m Christmas a thà inig Crìost dhan t-saoghal", thuirt Granaidh.
Bha mise nam laighe air a cùlaibh anns an leabaidh. Cha chuireadh duine sam bith eile an à irde leam aig an à m ud. Bha e trà th, is cha robh cà ch air dùsgadh.
Bha Antaidh Cairistiòna anns an leabaidh eile, is a h-anail a’ dèanamh an aon fuaim ri srann cat air a dòigh. Bha a’ chuing oirre, ach cha robh e dona an uair sin.
"'S thug na trì daoine glic preusantan do Chrìost, is tha sinne a’ toirt preusantan do chlann an-diugh airson cuimhneachadh air an rud mhìorbhaileach a thachair ann a shin."
A-nise, bha rudeigin ceart agam mu Christmas.
"¶Ùè", arsa mise, "a thug na daoine glic do Chrìost?" Bha là n fhiosam, is mi air a chluinntinn cho tric.
"Uill", arsa Granaidh, "tha am Bìoball a’ cantainn gur e òr is tùis is myrrh a thug iad dha."
Bha fhiosam dè bh’ ann an òr. "¶Ùè th’ ann an tùis is myrrh?" dh’fhaighnich mi.
"Oh tha stuthan ach am biodh fà ileadh brèagha san stà ball".
Bha sin a’ dèanamh ciall. Gu cinnteach, cha b’ e fà ileadh math a bha san seann stà ball againne, gu h-à raid nuair a mharbhadh iad caora.
Cha robh còir aig duine dad a chantainn mu fhacal Dhè. Ach dè feum a bh' anns na rudan sin? ¶Ùè nan tugadh Santa dhomh saighdear beag òr agus dà bhotal scent? Cha robh mise ag iarraidh ach toys.
Oisean a’ Ghrà mair 8
Puing 1: BIDHÌý An trà th teachdail – ‘the future tense’
San à m ri teachd [in the future]:
BidhÌými a’ falbh a-mà ireach aig a h-ochd. ÌýÌýÌý
I will be leaving tomorrow at 8.
Bidh am program ùr a’ tòiseachadh an ath mhìos.ÌýÌýÌý
The new program will start next month.
Mar as trice [habitually]:
Bidh mi a’ snà mh dà uair san t-seachdain. Ìý
I swim twice a week.
Am bi thu a’ tighinn an seo tric? ÌýÌý
Do you come here often?
Puing 2: BHIOS
Bidh (no Bithidh)Ìý →Ìý BHIOS (no BHITHEAS)
à s dèidh °äò, ¶Ùè, Ciamar a , Cuin a, Carson a:
°äò bhios ann?ÌýÌý ÌýÌýÌý
Who’ll be there?
¶Ùè bhios tu* a’ dèanamh? ÌýÌý
What will you be doing?
Ciamar a bhios tu* a’ siubhal? ÌýÌý
How will you be travelling?
Cuin a bhios sibh a’ falbh? ÌýÌý
When will you be going away?
Carson a bhios iad a’ stad? ÌýÌý
Why do they stop?
* As dèidh bhios/bhitheas, thu → TU.
Gheibhear bhios às dèidh Ma (‘if’) agus a (‘which/who’) cuideachd:
Ma bhios tu saor a-mà ireach, leig fios dhomh.Ìý
If you’re free tomorrow let me know.
Seo am fòn-là imhe a bhios mi a’ faighinn. Ìý
This is the mobile I’ll be getting.Ìý
–A³§
Gheibhear – as leis a’ mhòrchuid de ghnìomhairean [verbs] eile cuideachd.
Mar eisimpleir:
¶Ùè ghabhas tu?ÌýÌý ÌýÌýÌýÌý
What will you have (to drink or eat)?
...cho luath ’s a ghabhas ÌýÌýÌý
...as soon/ as quickly as possible
Ciamar a chanas tu sin ann an GÃ idhlig?Ìý Ìý
How do you say that in Gaelic?ÌýÌý
Ma chluinneas tu fuaim sam bith, teich! Ìý
If you hear any sound, run for it!
°äò leughas e?Ìý ÌýÌýÌýÌýÌý
Who’ll read it?
Puing a bharrachd:
Tha à ireamh bheag de ghnìomhairean (verbs) cumanta aig nach eil –i»å³ó no –a²õ idir san trà th theachdail:Ìý
Ìý
°äò thig a-mà ireach? ÌýÌýÌýÌý
Who’ll come tomorrow?
Thig an teaghlach air fad. ÌýÌýÌý
The whole family will come.
Gheibh thu do dhonas airson seo! ÌýÌý
You’ll get hell for this!
¶Ùè gheibh thu air a shon? ÌýÌýÌý
What will you get for it?
°Õ³óè¾±»å sinn ann còmhla. ÌýÌýÌýÌý
We’ll go together.
Ciamar a ³Ù³óè¾±»å thu ann? ÌýÌýÌý
How will you go there?
±·Ã¬ sinn rudeigin feasgar. ÌýÌýÌý
We’ll do something this afternoon.
Ma nì thu sin,...ÌýÌýÌýÌý
If you do that,...
Bheir mi leam cèic agus botal fìon. ÌýÌý
I’ll bring cake and a bottle of wine.
Cuin a bheir thu dhomh an t-airgead? ÌýÌý
When will you give me the money?
Abairt na Seachdain
An t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach
Broadcasts
- Sun 7 Dec 2014 21:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Dec 2014 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Dec 2014 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Dec 2014 10:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Mar 2015 21:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Mar 2015 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Mar 2015 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Mar 2015 10:3191Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig le Iain Urchardan.