08/08/2014
Sùil air naidheachdan na seachdain còmhla ri Dan Moireach agus Mairi Bremner. A look at the week's news with Dan Murray and Mairi Bremner.
An-diugh tha Dan Moireach agus MÃ iri Bremner a' toirt slaic air naidheachdan na seachdain-sa ach feumaidh iad na sgeulachdan a thomhais an toiseach bho na criomagan carach aig Coinneach.
Cuideachd, cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Dòmhnall Moireasdan chun an t-Saighdeir gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Dòmhnall Moireasdan
Duration: 05:13
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Uilleam 'Ic Aoidh chòir,
No Uilleam Catrìona mar a b’ fheà rr a dh’aithnichear thu ann an Adabroc an Nis.
Cha do thachair sinn a-riamh agus chan fhaca mi de na bhuineadh dhut ach dealbh, ’s tu sgeadaichte gu grinn ann an deise nan Sìophortaich agus meadail a’ chogaidh a fhuair thu airson do dhìchill is do dhìlseachd. Ach, a thuilleadh air a sin tha ceangal eile eadarainn oir, tha mise a giùlain d’ ainm.
Tha dealbh nam inntinn den latha a dh’fhà g thu an dachaigh airson d’ aghaidh a chuir air raointean fuilteach na Frainge agus blà r an Somme. Chì mi do mhà thair, na banntrach òg, air a’ chlà r mhòr os cionn an taighe. Ise gad leantainn le sùil ’s le grà dh, suas an Druim Buan agus a-steach gus an deach thu à fianais thar mullach a’ bhaile - do bhrà thair òg ri do ghualainn, ’s e gad choiseachd pìos den t-slighe. Ann an Lìonail, coinnichidh tu ri balaich na sgìre agus togaidh sibh oirbh gu Steòrnabhagh, An Caol, Inbhir Nis is Fort George, Sasainn agus an Fhraing.
Anns na là ithean an dèidh dhut falbh, dh’èirich cianalas agus dubhar ann an cridheachan do mhà thair, do dhà bhrà thair agus do phiuthar. Cha robh do leabaidh am feum cà radh, bha do bhobhla anns an dreasair gun bhrochan gun bhrot – do chòta mòr an crochadh ri na clèithean ’s do bhrògan tacaideach, mar a dh’fhà g thu iad aig ceann na beingidh. Cuimhneachain crà iteach aig brà thair agus mac.
Saoilidh mi gum bu chòir dhomh luaidh a thoirt air do theaghlach agus mar a chaidh dhaibh. Lean do phiuthar Mà iri - mo sheanmhair, oirre gu bhith na ceannaiche, bhà saich do bhrà thair Dòmhnall leis a’ chaitheamh agus leum Calum an soitheach ann an New Zealand. Ann an seadh, chaill do mhà thair na triùir ghillean. Ach cha deach ar mà thair air dìochuimhn'. Chuir Calum dhachaigh cuibhreann de na choisinn e, airson cuideachadh le taigh geal a thogail dha do mhà thair. Fhuair i aois mhòr agus i air a deagh choimhead às a dèidh le Cairistìona, nighean do pheathar.
Ged a tha faisg air ceud bliadhna on thòisich an cogadh mòr, tha cunntasan againn air an iargaltachd is an uamhas a choinnich riut – eadar èiginn nan trainnsichean, sgread is sgriach na h-armachd, ceò is fliuchadh - fuachd is teas, lèig is eabar is cion cadail, sà rachadh do-labhairt agus galairean is mialan - marbhadh agus milleadh agus sgrios.
Is e mìorbhail a th’ ann gun ghlèidh thu do chiall, ’s tu air do chuairteachadh le na mì-choltasan do-sheachnaichte seo - a latha ’s a dh’oidhch’.Â
Tha dealbh agam dhan mhèinn mhòr aig Beaumont Hamel, a spreadh sibh aig seachd uairean sa mhadainn, air a’ First of July - dìreach mus do ruith thu fhèin, an cois nan ceudan eile dha do cho-chreutairean, a dh’ionnsaigh a’ bhà is. Tha dealbh eile agam do shaighdearan nan Sìophortach a’ cruinneachadh airson cunntas an fheasgair air an aon latha – ach ’s e car a mhì-shealbh nach eil thusa, Uilleam, idir nan lùib. Is ann a tha thusa, a ghaisgich ghrinn, na do shìneadh air fearann cèin na Fraing', gun smuais gun anail.
Còig latha an dèidh sin, an dèidh ùrnaigh na maidne, dh’fhosgail do mhà thair a’ còmhla air latha brèagha samhraidh ann an Adabroc. Bha biulbhain bhà n de cheò na mònach ag èirigh gu somalta à cagailtean na nà bachd agus gu h-à rd anns an adhar bha uiseagan an t-slèibh a’ seinn ’s a’ ceilearadh. Ach ghlac nì eile aire do mhà thair. Tro mhaise an t-samhraidh bha fear le deise dhorch a’ dlùthachadh oirre – theannaich a broilleach, dhorchnaich a grian agus chaidh uiseag an t-slèibh na tost.
'Mar ghabhas thairis osag gaoith' ... ’s cha robh thu idir ann.
Ged a bha do mhà thair air a pianadh le crà dh is cianalas cha do ghearain i riamh - ghabh i ris an truaighe a thà inig oirre mar a ghabh na mìltean de mhà thraichean is athraichean eile - truaighe a dh’èirich à iomairt na h-uamhais ann an ainm sìth is TÈARAINTEACHD do na h-uile.
Tha e nam là n dhùil, ma bhitheas mi air mo chaomhnadh, sgrìob a thoirt gu raointean na Fraing', far an deach do sguabadh às an t-sealladh aig aois naoi bliadhna deug. Air an latha sin, seasaidh mise le uaill agus bròn far am bheil thusa, Uilleam brà thair mo sheanmhar, air do chà radh.
Le urram agus spèis, dhut fhèin Uilleam chòir ’Ic Aoidh - a tha ainmichte, agus do gach saighdear treun eile a tha gun ainm ’s gun aithne idir.
Dòmhnall Uilleam
Broadcasts
- Fri 8 Aug 2014 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Fri 8 Aug 2014 23:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal