Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.

57 minutes

Last on

Thu 7 Aug 2014 21:13

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Anna NicSuain

24 Cèitean 1915 


Lance-corporal Malcolm Campbell


Seaforth Highlanders


A Chaluim Chòir,


Nach ann oirnn a thàinig an èiginn!


Tha mi duilich innse dhut gun d’ fhuair sinn fios an t-seachdain seo gun deach Aonghas ar bràthair a chall aig Blàr Ypres air an 9mh là den mhìos seo, am balach bochd is gun e ach 20 bliadhna a dh’aois. 


Bha e annasach gun robh sinn dìreach air cairt-puist fhaighinn a sgrìobh thu fhèin an là mus deach Aonghas a mharbhadh agus tu ag innse gun robh na Gearmailtich a-nis a’ cleachdadh puinnsean – nach iongantach nach deach na sgrìobh thu a sheansoradh is iad cho faiceallach dè am fiosrachadh a thig a-mach!


Tha an saoghal ann an seo air a dhol bun-os-cionn. Cha dhìochuimhnich mi a chaoidh an là mus do rugadh Murchadh mo mhac – an dàrna là den Lùnastal an-uiridh - Murdaig aig an iasgach air an taobh sear, Catrìona an nighean againn nach robh ach bliadhna sa Ghearran ann an uchd a seanmhair agus am post a’ dol tron bhaile - Là na Sàbaid – a’ sèideadh feadag is iad a’ 'callaigeadh' suas nam balach airson falbh dhan chogadh.


Bu daor a bha agus a bhitheas tastan an Righ dha mòran dhan fheadhainn a dh’fhalbh às an sgìre seo. Ged a rinn mi toileachas gun do rugadh mac dhuinn a bha slàn fallain – bha uabhaltas eagallach air feadh an àite agus chan eil càil a dh’fhios am faic an leanabh seo athair a chaoidh.


Chan fhada gus am bi obair an fhoghair a’ tòiseachadh agus leis na fir air falbh agus le dà leanabh bheag ri coimhead às an dèidh, cha bhi cùisean furasta ach le cuideachadh an Tighearna gheibh sinn troimhe. ’S e an earrann a tha tric nam smuaintean – ‘Seo an t-slighe agus gluaisibh innte!’ Feumaidh sinn dìreach gabhail ris. Tha Catrìona ar piuthar na taic mhòr dhomh cuideachd ach tha gu leòr aice-se i fhèin is i an urra ri pàrantan.


Tha Murdaig a-nis air a shlighe a-null dha na Dardanelles, mar a tha fhios agad bha esan san RNVR agus cha d’ fhuair e dhachaigh – chaidh e dìreach gu deas bhon bhàta-iasgaich. Tha an teaghlach aige-san gu math sgapte cuideachd. Alasdair a bhràthair na phoileasman ann an Lannraig, Iain ann an Duluth agus Uilleam ann am Boston agus Peigi agus Màiri ann an Ameireaga cuideachd. Is math dhòmhsa gu bheil a dhithis pheathraichean – Anna agus Ceit san nàbachd seo ann an Dail bho Thuath. Tha mo mhàthair-chèile, Màiri na taic dhomh cuideachd leis a’ chloinn ged a tha i a-nis trì fichead ‘s a seachd agus air a bhith na banntraich o chionn seachd bliadhna deug. 


O a Chaluim, tha mi an dòchas gum bi thu fhèin agus Dòmhnall ar bràthair air ur gleidheadh. Tha ar màthair agus ar n-athair nan iongantas. Tha creideamh làidir aig an dithis aca agus is math gu bheil. ‘S beag a bha dh’fhios aig ar n-athair an uair a chur e a chùl ris an teaghlach aige ann an Canada na bha gu bhith roimhe san dùthaich seo a bha e air fhàgail an uair a rinn an teaghlach imrich ann an 1873 an uair a bha e 12 bliadhna a dh’aois. 


Co-dhiù, cùm thus' ort a’ cur fios dhachaigh an uair a gheibh thu an cothrom. 


Gum biodh tu air do dhìon – agus mura faic mi thu tuilleadh san t-saoghal seo, tha dòchas agam gum faic sinn a chèile ann an Glòr.


Do phiuthar ghràdhach,


°ä²¹¾±°ù¾±²õ³Ùì´Ç²Ô²¹


AGUS THAINIG FIOS GUN DO CHAILL CALUM A BHEATHA AIR AN LÀ SEO FHÈIN - 24 CEITEAN 1915 – COLA-DEUG AN DÈIDH BÀS AONGHAS A BHRATHAIR.


Thug °ä²¹¾±°ù¾±²õ³Ùì´Ç²Ô²¹ ainm a dithis bhràithrean air am mac Calum agus air an nighean Agnes a rugadh an dèidh a’ Chogaidh air dha Murdaig tilleadh gu sàbhailt dhachaigh.

Broadcasts

  • Thu 7 Aug 2014 09:03
  • Thu 7 Aug 2014 21:13

Gallery