Main content
Sorry, this episode is not currently available

An-diugh ochd millean not ga chosg ag ath nuadhachadh Pàirce Bletchley ann an Lunnainn. Tommy MacAskill reports on the £8m restoration work at Bletchley Park.

An-diugh tha Tommy MacAsgail ag aithris mun ochd millean not a tha'r air a chosg ag ath nuadhachadh Pàirce Bletchley ann an Lunnainn.

Tuilleadh òraidean bho Rannsachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann nam measg Pàipearan Inbhir Aora le Raoghal MacIlledhuibh.

The Donnie MacSuain ag innse eachdraidh a' mhinisteir Tòmas Hogg a chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh ri taobh Eaglais Chill Tighearn ann an Siorradh Rois.

Sin agus Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm an-diugh air a sgrìobhadh agus a leughadh leis an Dotair Urramach Ruairidh Macleòid. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 16 Jul 2014 21:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

A Dhòmhnaill Iain a charaid,


Cha do choinnich sinne riamh, ach is mise ogha dha ur piuthar, Mòr, a bha sia bliadhna na b’ òige na sibhse, agus a bha pòsta anns na Hearadh aig mo sheanair, Ruairidh Mhurchaidh. Ged nach do choinnich sinn, tha ur dealbh agam air mo bheulaibh an seo, agus sibh ann an trusgan an airm, rèiseamaid Ghàidhealach Chanada, 's tha mi gar samhlachadh ri cuid de na càirdean, gu h-àraidh bràithrean mo mhàthar.


Tha fios agam gun do rugadh sibh ann am Brèidhnis ann an sgìre Ùige ann an 1874. Bu sibhse an darna duine den chloinn aig Eòghainn agus Cairistìona Mhoireasdan, agus bha naodhnar san teaghlach. Tha dealbh ur pàrantan agam a chuir càirdean à Patagonia thugam. Mar a tha fios agaibh, rinn dithis de na bràithrean agaibh, Calum agus Niall, an imrich gu ceann a deas Ameireaga, agus tha mac Nèill, Coinneach, beò ann an sin fhathast. Bhruidhinn mi ris air a' fòn agus bha mi a’ smaoineachadh gu robh a’ Bheurla aige rudeigin slaodach, gus an do dh’innis a nighean, Doreen, dhomh gu bheil e nas cofhurtaile ann an Spàinnis an-diugh na tha e ann am Beurla, 's tha an teaghlach air a’ Ghàidhlig a chall.


Tha fios agam gun deachaidh sibh a-null a Chanada ro àm a’ Chogaidh Mhòir, mar a rinn gu leòr às na h-eileanan. Ged a tha mi a’ dèanamh a-mach gu robh sibh mu dhà fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich an cogadh, ghabh sibh anns an arm agus thill sibh tarsaing a’ chuain airson an t-seann dùthaich a dhìon on nàmhaid. Chan eil fios agam an robh sibh pòsta no an do dh’fhàg sibh teaghlach às ur dèidh.


Chaidh innse dhomh le feadhainn ann an Ùige gun d’ fhuair sibh cead tadhal air ur pàrantan ann am Brèidhnis mun deach sibh a-null don Fhraing. Chuala mi gun do choisich sibh air ais a Steòrnabhagh an dèidh an turais ghoirid a bha sin, 's gun do dh’fhàg sibh uaireadair aig caraid ag ràdh nach robh dùil agaibh tilleadh beò as an Fhraing.


Mar a thubhairt b’ fhìor.  Air a’ chiad latha den Dàmhair 1918 chaidh ur leòn gu bàs agus sibh a’ dèanamh cobhair air saighdearan eile. Ann an sia seachdainean eile bhiodh an t-sìth air a gairm, ach gu mì-fhortanach cha robh e an dàn gum faiceadh sibhse beanntan Ùige no raointean Chanada.


Aig an àm seo agus cuimhne ga cumail air ceud bliadhna bho thòisich Cogadh a’ Cheusair, tha mo smuaintean oirbhse, a Dhòmhnaill Iain, bràthair mo sheanmhar, agus dealbh agam nam inntinn air fear gaisgeil aig an robh coltas ri feadhainn den teaghlach anns an linn seo. Beagan bhliadhnachan air ais thadhail mo cho-ogha, Dòmhnall Iain nach maireann dhan tugadh an t-ainm agaibhse, air an uaigh agaibh anns an Fhraing. Ged nach do choinnich sinn anns a’ bheatha seo, tha dòchas ri coinneachadh ann an saoghal nas fheàrr far nach bi cogadh no còmhstri no bàs ann tuilleadh.  

Broadcasts

  • Wed 16 Jul 2014 09:03
  • Wed 16 Jul 2014 21:03