15/07/2014
A bheil cus uallach ga chuir air cluicheadairean-spòrs aig à rd-ìre? Are top sports personalities under too much pressure?
Bhuannaich Lionel Messi aig sgioba Argentina an duais 'Ball Òr' airson an cluicheadair a bh'fhèarr ann an Cupa na Cruinne aig' a gheam crìochnachaidh oidhche na Sà baid, ach cha robh e idir toilichte mu dhèidhinn air sgath s' gun robh e air a nà rachadh nach do bhuannaich an sgioba aige am geam deireannach. Tha sinne gu bhith a' faighneachd a bheil cus uallach ga chuir air cluicheadairean spòrs an dleasdanas a dhèanamh aig à rd-ìre?
Mar phà irt dhen cho-labhairt aig Rannsachadh na Gà idhlig a ghabh à ite ann an Dùn-Èideann thug Coinneach MacIlleathain seachad òraid "Haggis agus....Gaelic Scotland through a tourist minibus". Mìnichidh e na beachdan bh'aige do Choinneach agus leudaichidh sinn air a' chuspair le bhith a' faighneachd dè a tha agus dè a bu chòir do na Bùird Turasachd agus Gnìomhachasan Turasachd a bhith
a' dèanamh airson ar cà nan agus ar cultar a bhrosnachadh do luchd-turais.
Tha Cairistìona NicChonail ag innse mun leabhar as motha a thug buaidh air a beatha a bharrachd air a' Bhìobull fhèin The Invitation - Oriah Mountain Dreamer.
Cuideachd cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Calum MacFhionghain chun An t-Saighdeir Gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Calum MacFhionghain
Duration: 02:22
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Cò thu?Ìý Nad sheasamh an sin le fiamh a’ ghà ire, sùilean le blà ths, litir nad là imh.Ìý
Cò thu a tha an seo nad sheasamh?
Ìý
An do sheas thu aig glùin do mhà thar còmhla ri do bhrà ithrean ’s do pheathraichean le solas an t-saoghail ghealltanach a’ deà rrsadh ort?
Ìý
An do sheas thu aig geata na sgoile, feasgar samhraidh, le mire is spòrs ’s tu a’ magadh air na caileagan òga?
Ìý
An do sheas thu nuair a thà inig an gairm? Le misneachd, le fèin-earbsa le brag na h-aois ’s tu deiseil is deònach ann an deise an airm?
Ìý
An do sheas thu le d' gunna air do ghualainn ’s tu a’ feitheamh an t-òrdan airson sabaid is strì?
Ìý
An do sheas thu a’ sgrìobhadh le do pheansail beag purpaidh, litir gu do leannan, leth-fìrinn agus breug?
Ìý
An do sheas thu ann an crèadh fhliuch ’s tu bog salach, cas-rùisgte ann am fèileadh neo-fhreagarrach airson cogadh is cath?
Ìý
An do sheas thu ceann crom san t-sloc ifrinniche sin, ’s na peilearan a’ seinn seachad ort ’s tu guidhe ri Dia gun tigeadh am bà s?
Ìý
An do sheas thu anns an trainnse a’ feitheamh ris a’ mhionaid airson dìreadh a-mach, gu deireadh an t-saoghail - No Man's Land?
Ìý
An do sheas thu aig uaigh do chompanach nuair a bhà saich e - a’ chiad uair, an darna uair, an treas uair?Ìý A’ gabhail ùrnaigh le sùilean gun deòir?
Ìý
Agus an do sheas thu balbh, le faireachdainn marbh, gun aoibhneas no bròn leis an naidheachd gun tà inig an sìth?Ìý Mar pìos dhen talamh fhèin.
Ìý
An do sheas thu aig fois le smuain, à s dèidh na bha siud a dh’ùine, à s dèidh na thachair rinn, na dh’fhuiling sinn aig taigh is air falbh, dè bhuannachd a bh' ann dhuinn?Ìý Cogadh a chuireadh crìoch air cogadh.
Ìý
Sheas thu, gu dearbh sheas agus seasaidh.
Broadcasts
- Tue 15 Jul 2014 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 15 Jul 2014 21:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal