Main content
Sorry, this episode is not currently available

16/07/2014

Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.

An-diugh beachdan air dè na cur-seachadan a th'ann airson a' chlann a cumail riaraichte tro laithean saora an t-Samhraidh.

Dè a th' ann an concussion? Agus dè cho cunnartach agus a tha e ma chùmas luchd-spòrs a' chluich as dèidh dhaibh a bhith air an gorteachadh mun cheann. Bruidhnidh sinn ris an Dotair Sarah Marr airson faighinn a-mach.

Cluinnidh sinn mun rannsachadh aig Panal Rannsachaidh Amhairc & Èisteachd na Gàidhlig (PRAEG) bhon chomhairliche cànain aca Beathag Mhoireasdan.

Leis gu bheil Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh an-diugh, bheir sinn sùil air cuid de na rudan a tha a' dol, nam measg iomairt luchd-cleachdaidh na Gàidhlig. Sin agus ceòl gu leòr mar as àbhaist còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 16 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Chrisella Ros

A mhic ghaolach


Fhuair mi do litir an-dè ’s ged a tha e duilich a bhith a’ cluinntinn na bh’ agad, cha robh e na annas.Ìý Cha bhi aon saighdear sa chlàbair ghrannda anns a bheil sibh nach bi a’ faireachdainn an t-aon rud.ÌýÌý Ach feumaidh tusa a bhith faiceallach le na sgrìobhas tu – tha fhios gu bheil iad a’ leughadh a h-uile litir a thig troimhe.


Cha ghabh an fheadhainn ud ri bhith a’ bruidhinn mu eagal.Ìý Cha leig iad duin’ às leis – canaidh iad nach urrainn dhaibh.Ìý Seonaidh Beag.Ìý Cha do leig iad esan às leis - ’s am balach gus a chiall a chall.Ìý Chan eil maitheanas anns an ifrinn sin ga duine beò.


Tha d’ athair ag ràdh gun robh feagal air fhèin sna ciad sheachdainean a bha e ann an Transvaal.Ìý Ach gun d’ fhuair e seachad air.Ìý Thuirt e nach b’ e fuaim nan seilichean bu dhuilghe dhàsan ach a bhith a’ coimhead na bha mu thimcheall air – an t-eagal nan sùilean fhèin.ÌýÌý Cuid dhiubh fiù ’s a’ rànail.Ìý Na dèan rànail idir, a luaidh – ged a bhiodh d’ fhìor chridhe ’s do cholainn a’ sgiamhail.Ìý Na leig leotha d’ fhaicinn a’ caoidh.


Tha cuimhn’ agam an oidhche a rugadh tu.Ìý Thu cho bòidheach, cho beag, cho neo-chiontach.Ìý Bha mi an oidhche ud a’ smaoineachadh air do sheanmhair fhèin a chaill balaich sa Chrimea.Ìý Iad cho fada bhon dachaigh ann an cogaidhean nach buineadh dhaibh – cogaidhean nan uaislean nach tèid an sàsachadh a chaoidh.


Gheall mi an uair sin nach leiginn le duine beò gaisean fuilt bho do cheann a sgrios. Mar a gheall mi dhut fhèin ’s tu a’ fàs – thu le ceistean ort tric mu chogaidhean ’s mu bhàs.Ìý Gheall mi gum falaichinn thu san tughadh.Ìý Nach fhaiceadh duine a thigeadh air do thòir boillsgeadh dhen cholainn bheag bhòidheach agad.Ìý Gheall mi gun dèanainn mar a rinn iomadh màthair ann an Leòdhas thar linntean – Press Gangs a’ sealg am mic.ÌýÌý Nach leiginn leotha falbh leat.


Cha do chùm mi ri mo ghealladh.Ìý Tha mi duilich. Nuair a thàinig an gairm thuig thu fhèin nach robh e ciallach dhut fuireach.Ìý Cò sa bhaile-sa a bha a’ dol a leigeil leat fuireach aig an taigh ’s iad uile a’ falbh... uile fon aon ghaoiriseachadh ’s a tha sinne?Ìý Dh’fhalbh iad uile – fon aon mhealladh.


Oh thèid e seachad – ge b’ e air bith cò a bheir e leis.Ìý Cha chan iad an seo ach nach eil againn ach na tha an dàn dhuinn ’s nach eil rian no smàig againn air sin fhèin.ÌýÌý ’S mathaid nach eil.Ìý Ach cha tig an latha ormsa aithghearr gu leòr nuair a chì mi do chas a’ tilleadh a-steach rathad a’ bhaile seo ’s tu agam sàbhailt’ a chaoidh.ÌýÌý Air do phasgadh na mo ghàirdeanan mar a bha.Ìý Chan ann san Fhraing far a bheil na mìltean mar tha.Ìý Cùm cridhe agus dòchas mo luaidh.


Na beannachdan chun uair sin fhèin.

Ìý


Ìý

Broadcast

  • Wed 16 Jul 2014 12:03