Main content
Sorry, this episode is not currently available

08/07/2014

Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 8 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

A ghaoil mo chridhe,


Tha mise an seo ’s cha mhòr gu bheil am peann a’ bualadh a’ phàipeir ’s cabhag orm an naidheachd seo a chur thugad. Tha fios agam gu bheil thu air a bhith ga fheitheamh fad nan còig mìosan bhon a thàinig cogadh, cuan, astar agus ionndrainn eadarainn. Madainn a’ bhòn-dè – an còigeamh latha dhen Iuchair - rugadh mac dhuinn, Dòmhnall Ailig. Gille mòr, tapaidh, ochd puinnd. Abair gu bheil e bòidheach, le cràisg do dh’fhalt bàn coltach riut fhèin agus gu dearbha tha e pailt cho math air cadal riut cuideachd. Tha fios agam gu robh thu riamh am miann mac a bhith agad, ’s tha sinn taingeil gu bheil an Cruthaidhear air seo a thoirt dhuinn. Tha mi air a bhith ag innse dha mu do dheidhinn mur thràth, ’s tha fadachd orm gus am bi an triùir againn còmhla. Tha an dithis againn a’ dèanamh glè mhath; tha sgìths air mo bhualadh ceart gu leòr ach tha mi fortanach gu bheil mo mhàthair agus Annabel còmhla rium, ’s iad ga mo chuideachadh.


Tha mi an dòchas gu bheil thu fhèin slàn fallain far a bheil thu. Chan eil latha a’ dol seachad nach eil mi a’ smaoineachadh ort ’s ag ùrnaigh gun till thu dhachaigh gu sàbhailte a dh’aithghearr. Chan eil an Clachan ach sàmhach, lom às ur n-aonais. Chan eil sin ri ràdh nach eil gu leòr obair ri dhèanamh ge-tà. Chaidh na h-othaisgean a rùsgadh air a’ mhìos a chaidh agus na caoraich ’s na h-uain uile an t-seachdain-sa. Thàinig Aonghas Gilleasbaig, Dòmhnall Eàirdsidh agus gillean Chaluim Bhàin a-nuas air an fhadhail gus boireannaich a’ bhaile a chuideachadh leis a seo agus thabhainn iad cuideachadh a’ mhòine a thoirt dhachaigh cuideachd. Tha mise air a bhith a’ fighe stocainnean agus aodach dhan leanabh on uair sin, ’s gun mi air chothrom cuideachadh le obair croite an-dràsta. Tha mi an dòchas gun d’ fhuair thu na stocainnean-clòimhe mu dheireadh a chuir mi thugad?


Thadhail teaghlach Iain Bhàin oirnn an-raoir gus am fear beag fhaicinn. Bha iad uile ann an deagh shunnd ’s bha do mhàthair, d’ athair agus Catrìona a-bhos cuideachd. Tha iad uile a’ cur am beannachdan thugad. Bha Iain Bàn ris na sgeulachdan mar as àbhaist; O ach cho èibhinn ’s a tha an duine! Bha e ann an siud ag innse mar a bhitheas e a’ tarraing à ogha fhèin, Iain Beag, ’s e ag iarraidh air a dhol a choimhead a bheil an reithe air breith fhathast. ’S Iain beag aig aois còig bliadhna ’s e falbh a shiubhail na croite cas-rùisgte ’s gun sgeul air uan! Obh obh, thig breitheanas air an duine leis na caran aige! An uair sin thadhail an t-Urramach MacChoinnich oirnn gus am fear beag a bheannachadh. Bha mi taingeil e tighinn fad an rathaid a thadhal oirnn. Dh’innis e dhomh gu bheil e gus a bhith sa bhaile fad mìos eile co-dhiù, ’s mar sin gheibh mi am fear beag a bhaisteadh ann an cola-deug. Fhad ’s a bha e a-staigh rinn e ùrnaigh ’s chaidh thu fhèin ainmeachadh ann cuideachd. Tha fios againn uile gu bheil cùisean doirbh dhut thall an sin ach tha fios againn cuideachd gu bheil Dia gad gheàird agus tha sinne a’ cur earbsa Ann-san a latha ’s a dh’oidhche. Mar a tha e ag ràdh san fhìrinn:


"Do thròcair gu robh oirnn gu caomh, a Thighearna, gach là,
A rèir mar chuir sinn annad fhèin ar dòchas treun a-ghnàth" (Salm 33).

Sgrìobhaidh mi thugad a dh’aithghearr le fios a bharrachd mu Dhòmhnall Ailig.


Le tòrr gaol is beannachdan,


Do bhean ghràdhach x

Broadcast

  • Tue 8 Jul 2014 12:03