07/07/2014
Sùil air naidheachdan na maidne le Donna Barden agus Ricky Hannaway. Am measg a' chiùil The Shins, Of Monsters and Men agus Phillip Phillips. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le PÃ draig MacAoidh
Duration: 02:16
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A Choinnich, a ghrà idh,
Tha min dòchas gu bheil thu slà n is sà bhailte, agus gu bheil thu gad chumail fhèin air falbh o chunnairt. Chan eil naidheachd ann an seo ach gu bheil sinn uile – do theaghlach agus mise, gu h-à raidh mise – gad ionndrainn. Chuala sinn an-dè gun do chaochail Iain Sheonaidh Ailig agus a cho-ogha Donaidh air an aon là o chionn seachdain no dhà . Offensive air choireigin a bh’ ann. Tha mà thair Iain a’ dol às a ciall leis an uallach.
Leis na h-uimhir a’ bà sachadh, tha e a’ fàs nas duilghe dhomh sgrìobhadh thugad gach trup. Chan urrainn dhomh sgrìobhadh gun smaoineachadh gu bheil thu marbh mu thrà th, agus gun tèid an litir seo agus an teilegram sin seachad air a chèile à iteigin eadar seo ’s an Fhraing, gu bheil iad a’ dol tro na h-aon là mhan. Smaoineachadh gur e taibhse a th’ unnad, a’ feitheamh air an litir seo, à iteigin thall san Fhraing, gun cothrom tilleadh dhachaigh, gun cothrom bruidhinn.
Tha mi duilich. Gach latha bidh mi a’ smaoineacheadh mu do bhà s. Gu bheil thu air caochladh ann an spreidheadh gun fhios. Gun deach losgadh ort agus tu a’ gà ireachdainn ri caraid san treinns. Gu bheil thu nad aonar ann an No Man’s Land steigte ann am poll no uèir, agus a’ bà sachadh ann an sin gu slaodach gun duine faisg ort. Gu bheil tinneas ort agus tu nad chaitheamh ann an ospadal robach, gleadhrach. Gun deach do mharbhadh air an t-slighe dhachaigh agus do bhà ta a’ dol fodha le U-boat no sgeir. Gun d’ fhuair thu dhachaigh agus tu air atharrachadh.
Ach an uair sin bidh mi a’ smaoineachadh mun bheatha a bhitheas againn. Na samhraidhean fada, leis na coin, an crodh ’s na caoraich. Taigh geal agus teaghlach. Beiridh mi mac dhut, mar a chanas an t-òran, còignear no sianar no seachdnar, ciùird aig gach fear dhiubh. Dròbhair is caiptein is sgrìobhadair. Ach gun Diùc, gun saighdear idir, às dèidh a’ chogaidh seo. Agus gum bi sinn beò fad an t-saoghail an seo, an uchd a chèile, gus am bris an là .
Bi treun mar bu dual leat. Ach mair. A dh’aindeoin bàs agus buaidh agus saorsa agus daorsa, mair. Thig dhachaigh, a ghrà idh. Thig air ais thugainn air là fèill à lainn.
Do Pheigi
Broadcast
- Mon 7 Jul 2014 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal