04/07/2014
Beachdan chloinne, ceòl agus spòrs gu leòr còmhla ri Shona Nic a' Phiocair. Children's fun, features and music with Aileen Elder.
Last on
Clips
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Coinneach MacKillop
Duration: 00:55
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Hamish Scott
Duration: 01:25
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Coinneach MacKillop
A Thòmais chòir,
Tha mi an dòchas gu bheil thu gu dòigheil. Tha a h-uile sian aig an taigh gu math ach tha sinn gad ionndrainn gu mòr. Tha do bhrà thair beag Seumas air a bhith ag obair còmhla rium air a’ chroit ach chan eil e cho là idir riutsa agus feumaidh e an obair-sgoile aige a dhèanamh gu math tric.
Tha uallach air do mhà thair air do shon a h-uile latha. Tha i a’ fighe stocainnean ùra air do shon ’s bidh iad deiseil nuair a thig thu dhachaigh.
Tha sinn ag èisteachd ris an rèidio a h-uile oidhche airson naidheachdan mun a’ chogadh. Tha sinn an dòchas gum bi an cogadh seo ullamh gu math luath agus gun tig thu air ais dhachaigh sà bhailte agus slà n.
Tha sinn an dòchas gu bheil thu a’ cumail là idir. Tha thusa agus na balaich gu lèir anns an rèisimeid agad a’ dèanamh obair glè mhath airson an dùthaich againn agus tha sinn moiteil asaibh.
Beannachdan Dhè dhut,
Dad
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Hamish Scott
29 DÃ mhair 1914
Mo bhrà thair Seocan,
Tha droch naidheachd agam dhut. Tha ar mà thair air fàs tinn; gu math, math tinn. Le thusa a’ sabaid sa chogadh, is mise dìreach a’ falbh air fòrladh, chan eil mi a’ smaoineachadh gum bi duine air fhà gail airson coimhead às dèidh an teaghlaich. Tha an t-airgead a’ fàs gann agus tha daoine a’ fà gail a’ bhaile. Nuair a tha an cogadh seachad is dòcha gun tèid mise gu Ameireagaidh. Fuirich, cha bu chòir dhomh bhith a’ smaoineachadh mar seo! Uill, sin an droch naidheachd a th’ agam.
Bidh mi air ais air an H.M.S Nelson ann am mìos no dhà . Bha mi a’ smaoineachadh ge-tà , is dòcha ann an can, ceud bliadhna gum bi gà irdeachas ann agus gum bi daoine a’ comharrachadh na tha sinn a’ dèanamh ma bhuannaicheas sinn. Tha daoine den bheachd gum bi seo seachad ro à m na Nollaig ach tha amharas agamsa nach bi. Bidh tuilleadh strì romhainn anns a’ chogadh uabhasach seo.
Oh nach mi tha là n dòchais! A’ guidhe gum faigh sinn air fad dhachaigh sà bhailte dha Na Hearadh agus cuideachd gum bi sìth is fois air feadh an t-saoghail.
Bho do bhrà thair, le dòchas gum faigh thu tron seo.
Le spèis,
°Õ´Ç°ù³¾´Ç»åÌý
Broadcasts
- Fri 4 Jul 2014 16:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sat 5 Jul 2014 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal