Main content
Sorry, this episode is not currently available

27/06/2014

Laithean-saora na sgoiltean agus bidh feadhainn do sgoilearan Leòdhais ag innse mu na planaichean aca. It's holiday time, so Lewis pupils tell us of their plans for summer.

Còmhla ri Shona an t-seachdain-sa, bidh feadhainn do sgoilearan Leòdhais ag innse mu na planaichean a th'aca airson na seachd seachdainean ri thighinn 's saor-laithean na sgoiltean a-nis air tòiseachdadh.

'Se dràma Bhogha Mhòr ann an Ile a' chluinneas sinn an t-seachdain-sa 's iad air bòrd an MV Catastrophic.

A' coimhead air ais air ceud bliadhna bho thòisich a' chiad chogadh agus tha sinne ag iarraidh air daoine litir a' sgrìobhadh gu saighdear gun ainm.
An t-seachdain-sa, cluinnidh sinn bho Eilidh Nic a' Phì à Inbhir Nis agus Uisdean Mac a' Ghobhainn à Leòdhas is iad a' leughdh na litiraichean aca fhèin.
Ceòl bho Ellie Goulding agus LMFAO airson do chuir ann a deagh shunnd. Feuch gum bi thu ag èisteachd.

57 minutes

Last on

Sat 28 Jun 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Eilidh Nic a' Phì

20/6/1914


Athair Chòir,


Cha chreideadh sibh cho mòr ‘s a tha sinn gar ionndrainn. Tha fios gu bheil an cianalas a’ cuir iomagain mhòr oirbh seach nach eil sinn uile còmhla. Tha fios agamsa co-dhiù gu bheil mi cho aonaranach as ar n’aonais. Tha mi cho moiteil gun deach sibh dhan chogadh ach air an làimh eile, b’ fheàrr leum gu robh sibh air ar cas a bhristeadh gus nach biodh feum agaibh a dhol ann.


Taing mhòr airson a’ chairt co-latha breith agus am peansail. Fhuair mi leabhar bho Dhonnchadh agus snàth bho mhamaidh airson fighe. O, b’ fheàrr leam gun robh sibh air a bhith ann. ‘S e latha mìorbhaileach a bh’ann ach cha robh e cho math ‘s gun sibhse ann.  Tha mi an dòchas gun tig sibh air ais sàbhailte agus fallain gus am bi cò-latha breith eile agam còmhla ribh.


Le dùrachd agus tòrr mòr, mòr gaol.


(Sgrìobh air ais mas urrainn dhuibh)


An nighean agaibh, Eilidh xxxxxx

Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm bho Aonghas beag - Le Ùisdean Mac a’ Ghobhainn!

Ciamar a tha thu?


Bha mi fhìn agus Murchadh ag iasgach air an abhainn an-diugh. Thug mise dha an t-shlat agam fhìn agus bha an tè agadsa agamsa. Fhuair mi trì bric agus fhuair Murchadh a dhà.


B’fheàrr leam gu robh mi aosda gu leòr airson a dhol dhan Arm, tha farmad agam ort.  Dà bhliadhna eile ge-ta agus bi mi an aois.


Ma bhitheas mi fortannach bidh an cogadh fhathast a’ dol!


Sgrìobh thugam le do sgeulachd.


Aonghas Beag xxx

Broadcasts

  • Fri 27 Jun 2014 16:03
  • Sat 28 Jun 2014 12:03

Gallery