21/03/2014
Cluinn dè tha sgioba Radio an Gà idheal ann an Steòrnabhagh a' dèanamh airson Sport Relief 2014. Find out what the Radio nan Gaidheal staff are doing for Sport Relief 2014.
An-diugh tha sgioba Radio an Gà idheal ann an Steòrnabhagh aig Sgoil Lionail ann an Nis ann an Leòdhas far a bheil iad a' cuir seachad latha spòrs agus latha spòrsail còmhla ris na sgoilearan airson airgead a thogail airson Sport Relief 2014.
Tha Aonghas Dòmhnallach beagan nas fhaide bho chladaichean Leòdhais agus esan ann an Flensburg anns A' Ghearmaillt airson a' chiad sealladh dhan t-soitheach ùr a bhios a' ruith eadar Ulapul agus Steòrnabhagh a dh'aithghearr, An Shìophort.
Tha Sandra Mhoireach a' cumail cluais ri dè a tha a' dol ann an saoghal an fhasan agus an-diugh bheir i beachd air dè is coireach gu bheil gnìomhachasan mar a bha aig L' Wren Scott nach maireann a' fà illigeadh.
'S ann aig Mìcheil Hill a tha an cothrom a mhac-meanmna a chleachdadh airson dìnneir sònraichte a chuir air dòigh agus e a' taghadh cò a bhios ann, dè a bhios ri ithe agus cà ite a bheil an dìnneir ga cumail?
Airson beachdachadh air naidheachdan na maidne tha Calina NicDhòmhnaill còmhla rinn fad a' phrògram. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Feasgar: Dinnear shònraichte
Duration: 20:24
Broadcast
- Fri 21 Mar 2014 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal