20/03/2014
Carson a tha e cho doirbh do chuid a bhoireanaich dèanamh as aonais maise-gnùis? Why is it so difficult for some women to do without make-up? bbc.co.uk/feasgar.
Am faca sibh na tha de dhealbhan bhoireanaich gun maise-gnùis air an aodainn air na meadhanan sòisealta mar oidheirp taic a thoirt do dh'iomairtean aillse? An-diugh tha sinn a' foighneachd carson a tha e a' ciallachadh a leithid do chuid a bhoireanaich dèanamh as aonais maise-gnùis? A bheil an adhbhar nas doimhne nan craiceann a tha iad a' peantadh? Gheibh sinn beachd bhon eòlaich intinn Dòmhnall MacLeòid, Rhoda Meek agus bho Hannah Gillies. Agus ma tha sibh eòlach air Hannah bha an dealbh aice ri fhaicinn air na meadhanan sòisealta an dè gun suathadh maise-gnùis air a h-aghaidh.
Tha Calum MacFhionghain a' toirt aithris air a' chomadaidh ùr W1A - sreath de cheithir prògraman a tha a' leantainn an t-sreath Twenty Twelve a bh' air mu à m na Geamannan Oilimpigeach. An turas seo tha an sgioba a' toirt slaic air a' BhBC ach dè cho èibhinn 's a bha e?
Cuideachd cluinnidh sinn mu Leabhar 's Craic 2014 a tha a' tilleadh chun an CCA ann an Glaschu Disathairne an dà rna latha fichead den Mhà irt airson a' chòigeamh bliadhna.
Cluinnidh sinn bho Chalum Aonghas MacAoidh mun t-sreath de dhealbhan-cluiche coimhearsnachd anns a bheil e an sàs fo bhratach Pròiseact nan Ealan. 'S ann mun a' chiad chogadh a tha gach pìos drà ma agus chaidh coimisean eadar-dhealaichte a chuir air dòigh airson gach sgìre. 'S ann anns Na Hearadh a bhitheas iad oidhche Haoine. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Thu 20 Mar 2014 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal