27/08/2013
Am bu chòir an lagh toirt air daoine òga bhòtadh? Should it be compulsory for young people to vote?
Am bu chòir an lagh toirt air daoine òga bhòtadh? A' deasbad na cùis tha Alasdair Moireasdan, Mà iri Bremner agus Isabelle Nic IlleBhà in.
An dèidh an tubaist heileacoptair anns an deachaidh ceathrar a mharbhadh, tha ceistean gan togail a thaobh sà bhailteachd na Super Pumas. Bha Bob MacLeòid eòlach air na heileacoptairs seo agus bheir e beachd orra.
Tha coltach gu bheil co-iomraidhean ball-coise air an rèidio nuair a tha thu a' draibheadh a' toirt air daoine fàs crosta air an rathad mhòr. Air rèir's athaisg a-nochd tha draibhearan buailteach a bhith a' toirt buile dhan chuibhle stiùiridh ma tha an sgioba aca a' call agus cuid eile a bualadh an dùirn dhan adhar ma gheibh an sgioba tadhal. Tha sinne foighneachd do Charol NicGlone a b'abhaist a bhith ag ionnsachadh dhraibheadh do dhaoine, dè na cunnartan a dh'fhaodadh an seòrsa modh seo adhbharrachadh.
Cuideachd na co-iomraidhean ball-coise fhèin. Cò an fheadhainn as fheà rr agus is miosa agus carson? Tha triùir airson beachdachadh orra: Aonghas MacCumhis, Colin George Moireasdan agus Coinneach Macleòid.
Tha Murchadh Macleòid ag innse ma dheidhinn baile Karaganda ann an Kazakhstan far an do bhuanaich iad geam ball-coise an aghaidh Celtic le dà thadhal gu neoni. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 27 Aug 2013 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 27 Aug 2013 21:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal