Main content
Sorry, this episode is not currently available

Beachdan triùir air prògram telebhisean mu dheidhinn àite eich aig àm a' chiad chogaidh. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.

Beachdan triùir air prògram telebhisean mu dheidhinn an àite a bh'aig eich aig àm a' chiad chogaidh. Bha War Horse: The Real Story air aig an deireadh sheachdain, prògram a tha ag innse sgeulachdan mu bheatha na milleanan do dh'eich a bha a' toirt taic do dh'arm Bhreatainn eadar 1914 agus 1918. Bhàsaich leth mhillean dhiubh agus thìll nas lugha na 100,000 mìle dhachaigh. Tha Dòmhnall Iain MacIllinnein, Cathy Laing agus Iain MacPhàrlain air am prògram fhaicinn.

Tha Coinneach MacFhionghuinn a' toirt thugainn Litir na seachdain 'sa à Los Angeles.

Anns an t-sreath thractaran 's ann gu Gòbhaig anns na Hearadh a tha sinn a' dol far a bheil tractar dearg Massey a tha Calum MacIllinnein air a dhèanamh suas as ùr.

Tha sinn aig Carragh Cuimhne ann an Glaschu airson sreath nam batail far a bheil Iain MacAmhlaigh ag innse mu shabaid ainmeil a thachair aig Langside. Thachair Batal Langside air an treas latha den Chèitean 1568. Se fear de na batail is annasaiche ann an eachdraidh Alba far an deachaidh Màiri, Banrigh Alba, an aghaidh a bràthair Seumas Stiùbhart, Iarla Mhoireabh. B'e adhbhar a' bhatail gu robh Seumas airson còirichean a' bhalaich aig Màiri, Seumas V1, a dhìon air chionns gu robh e a' crèidsinn gur Seumas òg a bu chòir a bhith air a' Chathair Rìoghail.

Agus tha Coinneach MacNeacail a' mìneachadh còirichean luchd-cleachdaidh Vodafone anns na h-Eileanan an Iar agus trioblaidean air a bhith aig daoine le siognailean. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Mon 26 Aug 2013 21:00

Broadcasts

  • Mon 26 Aug 2013 09:03
  • Mon 26 Aug 2013 21:00