27/06/2013
Prògram sònraichte beò à Talla Bhagh a' Chaisteil ann am Barraigh. bbc.co.uk/coinneach. A special programme live from Castlebay Hall on the Isle of Barra.
An-diugh prògram sònraichte beò à Talla Bhagh a' Chaisteil ann am Barraigh.
Am measg nan còmhraidhean tha Dòmhnall Uilleam Macleòid ag innse mar a fhuair e an MBE airson a chuid obrach air a' bhà ta-teasairginn.
Tha Annie Theresa NicNèill, Neach Deasachaidh a' phà ipear naidheachd Guth Bharraigh, a' bruidhinn mun obair aice-se agus mar a tha'd a' tional naidheachdan an eilean.
Ged a tha'd beag, chaneil iad bog! Tha Mà iri NicIlleathain agus Annie NicNèill ag innse mun obair mhòr a tha Comhairle Òigridh Bharraigh a' dèanamh. 'S iad a bha an lùib an iomairt wi fi a thoirt gu aiseagan ChalMac a tha an dùil seo a thoirt gu na seòlaidhean air fad eadar a h-Eleanan an Iar agus Tìr Mòr ro dheireadh na bliadhna 'sa.
Agus an dèidh na prògraman telebhisean Island Parish, innsidh Dòmhnall Macleòid a bheil an t-eilean fhathast a' dol fodha le camper vans.
Sin agus ma tha Barraigh ainmeil airson strùpain an Trà igh Mhòir ma dh'fhaodte nach fhada gus an tèid iad a-mach as an fhasan agus farpaisichch eile air nochdadh a tha air cà il dhaoine a gheurachadh. Tha seilicheagan Bharraigh, an fheadhainn a tha a' faondradh machair Eòlaigearraidh, a-nise air truinnsearan taighean-bìdh spaideil Dhùn Eidinn a ruighinn. Saoil am fiach Coinneach iad? Feumaidh sibh èisteachd. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 27 Jun 2013 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Jun 2013 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal