Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tha Rùnaire a' Cheartais ag iarraidh cuir as do cho-dhearbhadh ann an lagh na h-Alba. Calls for Corroboration in Scottish Law to be abolished: bbc.co.uk/coinneach.

Tha a' chuid mhòr againn toilichte a dhol a-mach gu biadh ann an taigh-bìdh no gu dachaighean dhaoine eile air a bheil sin eòlach. Ach cò ris a bhiodh e coltach aig bòrd còmhla ri strainnsearan. Tha làrach-lìn ùr ann a tha a' feuchainn ri daoine a bhrosnachadh gu biadh an àite fhèin ithe ann taighean dhaoine an àite àiteachan-bìdh nuair a tha'd air laithean saora. Mar eiseimpleir, ma bha sibh sa Fhraing air laithean-saora tha'd a' moladh gun toireadh seo blas nas fheàrr air a bhiadh agus air a chultar agus iad an dòchas gun dèan na daoine an aon rud nuair a tha'd air ais nan dachaigh fhèin. A' bheachdachadh air an seo tha Seonag Monk, Alasdair MacLeòid agus Dolina NicIllinnein.

Gheibh sinn mìneachadh air co-dhearbhadh bhon fhear lagh Iain MacDhùghaill an dèidh Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgail, a ràdh nach eil àite aig an seo tuilleadh ann an lagh na h-Alba.

Tha aon chuapa air a bhith anns na naidheachdan airson gearrain ri daoine a bha air chèilidh oirre, nach robh luach gu leòr as an tiodhlac bainnse a thug iad dhaibh. Ach dè a tha iomchaidh nuair a thig e gu bhi a' toirt seachad preusant bainnse. Tha Carina Nicleòid, Ethel NicCalum, Janice Boag agus Gilleasbuig Fearghasdan le beachdan gu math eadar-dhealaichte.

Air turas Choinnich a dh' Ìle chaidh e a-staigh do dh'aon de na h-àiteachan as aithnichte san eilean, Eaglais chruinn a' Bhogha Mhòir, Eaglais Sgìre Cill an Rubha. Fhuair e eachdraidh na h-eaglais bho Ùisdean Mac a' Ghobhainn.

57 minutes

Last on

Wed 26 Jun 2013 21:00

Broadcasts

  • Wed 26 Jun 2013 09:03
  • Wed 26 Jun 2013 21:00