18/12/2007
Cuairt Alasdair MhicIlleMhìcheil a thrus Carmina Gadelica. Le Dòmhnall U Stiùbhart. D W Stewart follows in the footsteps of Alexander Carmichael of Carmina Gadelica fame.
Cuairt MhicIlleMhìcheil còmhla ri Dòmhnall Uilleam Stiùbhart. Seo am prògram mu dheireadh san t-sreath agus an t-seachdain seo - bàs agus dìleab Alasdair. Chaochail Alasdair air an 6mh den Ògmhios 1912 agus chaidh a thiodhlaigeadh ann an cladh Chille Mholuaig air Eilean Liosmòr. An dèidh a' chiad dà chuibhrionn do Charmina Gadelica a chlò-bhualadh ann an 1900, chanadh duine gum biodh Alasdair air bhidean tuilleadh den stuth a chruinnich e fhoillseachadh. Ach cha b'ann mar sin a bha mar a chluinneas sibh. Gheibh sinn beachd cuideachd air a' chuspair chonnspaideach a tha am measg sgoilearan an là an-diugh, an robh Alasdair a' cur a dhreach fhèin air an stuth a chruinnich e? An robh e ri foill? Agus ma bha, a bheil sin gu diofar?
Last on
Clips
-
Ora an t-Sionnaich
Duration: 00:23
-
An Earr-Thalmhainn
Duration: 00:20
-
Ora Ceartais
Duration: 00:17
Broadcasts
- Tue 18 Dec 2007 11:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 18 Dec 2007 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 13 Aug 2012 13:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 13 Aug 2012 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Aug 2012 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal