Main content

Dòmhnall Uilleam Stiùbhart

Rugadh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ann an Inbhir Nis, agus thogadh e ann an Glaschu, Obar Dheathain, agus Gearraidh Ghuirm, Sgìre a' Bhac ann an Eilean Leòdhais.



Chaidh e gu Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. As dèidh dha an sgoil fhàgail thug e a-mach ceum anns na Cànanan Clasaigeach, Eachdraidh Àrsaidh, agus Feallsanachd ann an Colaiste Mhagdalen, Oilthigh Oxford. An uair sin, rinn e tràchdas Ph.D. ann an Roinn Cheilteach Oilthigh Dhùn Èideann agus Sgoil Eòlais na h-Alba air an robh an t-ainm, “An Gàidheal, a' Ghàidhlig, agus a' Ghàidhealtachd anns an t-seachdamh linn deug.” A bharrachd air a bhith a' sgrìobhadh, a' dèanamh òraidean, agus a' craoladh mu eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal, bha e ùine mhòr ag obair mar chleasaiche anns a' bhuidhinn-theatair foghlaim Meanbh-chuileag , a chaidh air chuairt e feadh na Gàidhealtachd, agus gu gach eilean air an taobh siar far an robh bun-sgoil. Bidh e ag obair air pròiseactan beul-aithris còmhla ri comainn-eachdraidh anns gach pàirt den Ghàidhealtachd.

An-dràsta tha Dòmhnall Uilleam an sàs ann am Pròiseact MhicGilleMhìcheil MhicBhatair fo Roinn Cheilteis agus Eòlas na h-Alba, agus Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann. Tha am pròiseact shònraichte seo ag amas air a' bheairteas de stuth: òrain, sgeulachdan, laoidhean, òrthachan, eachdraidh, naidheachdan, gnàthasan-cainnt, seanfhacail, agus tòrr rudan eile a tha taisgte ann am pàipearan Alasdair MhicGilleMhìcheil a thaisbeanadh dhan mhòr-shluagh, gu seachd àraid anns na coimhearsnachdan Gàidhealach far an do chruinnich Alasdair iad an toiseach.

Tha Dòmhnall Uilleam a' fuireach ann an Dùn Èideann còmhla ri a mhnaoi agus a mhac.