HMY Iolaire
Ann an 1919, b’ e gheat armaichte leis an nèibhidh a bh’ anns an HMY Iolaire. Chaidh a togail ann an 1881 leis a’ chompanaidh Fergusons of Leith. Cha robh innte ach beagan is dà cheud tunna.
Ron chogadh, b’ ann le Mgr Duff-Assheton Smith a bha an Iolaire, ‘s e air a ceannachd bho Diùc Westminster. ‘S ann mar chur-seachad a bha i aige.
Bho chaidh a togail, bha a h-ainm air atharrachadh grunn thursan, bho Iolanthe, gu Mione, gu Amalthaea, ‘s mu dheireadh Iolaire. Chaidh a t-ainm Iolaire a thoirt oirre an dèidh stèisean na nèibhidh ann an Steòrnabhagh, far an robh i air a bhith stèidhichte bhon Dàmhair 1918.
Rè bliadhnaichean a’ chogaidh, chaidh gunnaichean a chur innte agus bha i ga cleachdadh mar reserve patrol vessel timcheall air Portsmouth, Sealtainn agus Yarmouth mus tàinig i a Steòrnabhagh.