Briosgaidean Nollaig Mh脿iri
100g siùcar ruadh
50g ìm
3 spàin mhòr siorap
8 unns. flùr-èirigh
3 spàin-tì dinnsear pronn
¼ spàin-tì salainn
1 no 2 spàin mhòr bainne
12 siùcairean goileach briste
Ann am pana teth, leagh an t-ìm, an t-siùcar agus an siorap còmhla.
Measgaich am flùr, an dinnsear agus an t-salann ann am bobhla.
Measgaich an stuth bog agus an stuth tioram.
Obraich e air bòrd glan le flùr air– tha thu ag iarraidh gum bi e mar bhàll.
Roilig e gus am bi e còmhnard.
Le dà sheòrsa steansail pastraidh, geàrr a-mach fear mòr agus fear nas lugha na bhroinn.
Bidh na siùcairean goileach a' dol am broinn an tuill sa mheadhan.
Dèan toll beag bìodach aig mullach gach briosgaid, airson an crochadh air a’ chraobh Nollaig.
Cuir na briosgaidean ann an àmhainn theth – 160C/325F/Gas Mark 3 – airson còig mionaidean.
An uair sin, cuir na siùcairean goileach briste dhan toll ann am meadhan gach briosgaid.
Le bruis pastraidh, suath air falbh siùcar sam bith far nam briosgaidean.
Cuir air ais dhan àmhainn iad airson 10-12 mionaid.
Leig dhaibh fuarachadh airson greis air treidhe uèir.
Cuir còmhdach-siùcair orra agus an uair sin croch iad air a' chraobh!