Main content

An Call

Thug a’ chiad chogadh buaidh mhòr air Leòdhas agus na Hearadh.

Bha mu 30,000 a’ fuireach ann an Leòdhas eadar 1914-18, ‘s bha mu 6,200 an sàs anns a’ chiad chogadh ann an dòigh air choireigin. Mar sin, bha aon a-mach às gach còig à Leòdhas an sàs, ‘s fhuair 1000 dhiubh sin bàs ri linn.

Cha robh sgìre anns an Eilean Fhada nach do dh’fhuiling call anns a’ chogadh. Mar sin, bha Oidhche Challainn 1918 làn dòchais do mhòran. Bha an cogadh seachad, bha sìth air a ghairm agus bha na fir air an t-slighe dhachaigh an dèidh ceithir bliadhnaichean fada.

Ach air madainn na Bliadhn’ Ùire chualas fathannan mu thubaist uabhasach, fathannan a mhùch dòchas. Choisich iomadach fear mìltean mòra gu Steòrnabhagh a shireadh naidheachd. B’ e naidheachd dhòrainneach, chianail a bha feitheamh orra.

Bha 201 duine air am bàthadh air an oidhche ud. Bha caoidh is ionndrainn air gach fear aca. Nam measg chaill dà theaghlach le ochdnar chloinne an athair. Chaill dà theaghlach le seachdnar chloinne an athair. Chaill 4 teaghlaichean dithis mhac. Bha 58 bhanntraichean ùra agus bha 209 cloinn gun athair. ‘S gann gu robh baile air nach tàinig call.

The villages of Lewis are like places of the dead. The homes of the island are full of lamentation – grief that cannot be comforted. Scarcely a family has escaped the loss of a near blood relative. Many have had sorrow heaped upon sorrow.” Scotsman, 6 January 1919.