91ȱ

Prìomh fhiosrachadh

San artaigil seo mun Fhànas gheibh thu a-mach mu:

  • an Talamh, a' Ghrian agus a' Ghealach
  • an t-adhbhar a tha latha agus oidhche ann
  • na chì sinn ris an latha agus air an oidhche
  • an t-adhbhar a tha lathaichean agus oidhcheannan diofraichte aig diofar amannan dhen bhliadhna.

Agus gheibh thu a-mach dè dh'ionnsaich thu le gnìomh no dhà!

Back to top

Latha agus oidhche

Tha an latha agus an oidhche gu math eadar-dhealaichte.

Am bi thu uair sam bith a' coimhead suas dhan adhar? Dè chì thu tron latha? Dè chì thu air an oidhche?

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, , Ma choimheadas tu suas air latha soilleir, tha an t-adhar soillseach agus chì thu a' Ghrian. Ach cha bu chòir dhut gu bràth coimhead gu dìreach air a' Ghrèin. Faodaidh i do shùilean a mhilleadh.

Ceistean

Ris an latha 's àbhaist gu bheil e soilleir.

Anns a' mhadainn bidh sinn a' gabhail ar bracaist agus a' dol dhan sgoil-àraich no dhan sgoil.

Feasgar bidh sinn a' dol dhachaigh agus bidh sinn a' dol dhan leabaidh air an oidhche.

Coimhead tro na dealbhan agus inns am bi thu a' dèanamh nan rudan sin anns a' mhadainn, feasgar no air an oidhche.

Back to top

Carson a tha latha agus oidhche ann?

Coimhead

Tha an Talamh an-còmhnaidh a' cur car gu mall fiù 's ged nach faic agus nach fairich thu sinn a' tionndadh.

Tha solas na grèine a' deàrrsadh air a' phàirt dhen Talamh a tha a' coimhead ris a' Ghrèin agus tha an latha ann.

Tha i dorcha anns a' phàirt dhen Talamh a tha a' coimhead air falbh bhon Ghrèin agus tha an oidhche ann.

Mar sin, nuair a tha an latha ann, tha sinn a' coimhead ris a' Ghrèin, ach nuair a bhios an Talamh a' cur car, bidh sinn a' tionndadh air falbh bhon Ghrèin, agus a' gluasad chun na h-oidhche.

Thoir sùil air an dealbh seo agus feuch ri na ceistean mu dheidhinn a fhreagairt.

Am faic thu far a bheil a' Ghrian an taca ris an Talamh?

Dè an diofar a chì thu eadar Alba agus Astràilia?

Anns a' gheamhradh tha na h-oidhcheannan fada agus na làithean goirid. Mar sin bidh e dorcha anns a' mhadainn nuair a dh'èireas tu agus dorcha fada mus tèid thu dhan leabaidh.

As t-samhradh tha na làithean fada agus na h-oidhcheannan gu math nas giorra. Bidh an latha ann nuair a dh'èireas tu agus nuair a thèid thu dhan leabaidh.

Back to top

An Talamh

Tha sinn a' fuireach air planaid ris an canar an Talamh. Seo an Talamh a' coimhead bhon fhànas.

Image source, NASA

Tha an Talamh coltach ri balla, agus canaidh sinn cruinne ris a seo.

Tha na sgìrean buidhe agus uaine a' sealltainn far a bheil tìr.
'S e muir a th' anns na pàirtean gorm.
Tha na pìosan geala a' sealltainn sgòthan.

Chì sinn na sgìrean sin gu soilleir chionn tha a' Ghrian a' deàrrsadh orra.

Image source, NASA

Tha coltas gu math eadar-dhealaichte air an Talamh air an oidhche.

Tha a h-uile càil a' coimhead gu math dorcha. Tha sin air sgàth 's nach eil a' Ghrian a' deàrrsadh orra.

Am faic thu spotan soilleir sam bith? Sin far a bheil bailtean agus mòr-bhailtean. Tha iad a' coimhead soilleir air sgàth nan solais air na sràidean, no bho thogalaichean no bho thrafaig.

Chì thu fhathast sgòthan, ach tha iad a' coimhead gu math dorcha seach mar a bha iad roimhe oir chan eil a' Ghrian a' deàrrsadh orra.

Back to top

Dè tha anns a' Ghrèin?

'S e reul a tha anns a' Ghrèin, ach chan eil i coltach ri reultan eile. Tha sin air sgàth 's gu bheil i gu math nas fhaisge air an Talamh na reul sam bith eile.

Cleas nan reultan uile, 's e ball mòr gas a tha anns a' Ghrèin. Tha an gas cho teth 's gum bi e a' deàrrsadh, dìreach mar a bhios teine.

Bidh a' Ghrian a' toirt dhuinn solas a bhios a' dèanamh nan làithean soilleir. Agus bidh teas bhon Ghrèin a' cumail na planaid againn blàth gu leòr airson a bhith beò oirre.

Image source, NASA

Tha a' Ghrian ro shoilleir airson coimhead oirre. Tha i cho soilleir 's gum faod i do shùilean a mhilleadh, no fiù 's camara a bhios a' coimhead oirre.

Chaidh an dealbh seo dhen Ghrèin a thogail le fioltairean sònraichte a bhios a' dìon a' chamara. Bidh iad cuideachd a' dèanamh an deilbh dorcha airson gum faic sinn fiosrachadh mionaideach air uachdar na Grèine.

Back to top

Dè tha anns a' Ghealaich?

'S e ball creige a tha anns a' Ghealaich agus bidh i a' cur car mun Talamh.

Cha bhi i a' cur a-mach solas mar a bhios reul. Tha a' Ghealach a' coimhead soilleir oir bidh i ag ath-thilgeil solas bhon Ghrèin.

Dìreach mar a tha an Talamh, tha an taobh dhen Ghealaich a tha a' coimhead ris a' Ghrèin a' deàrrsadh. Tha sgàile air an taobh eile.

Tha a' Ghealach an-còmhnaidh na cruinne. Ach uaireannan saoilidh tu gu bheil cruth eile oirre.

Uaireannan, chì sinn a h-uile sgath dhen taobh dhen Ghealaich a tha a' deàrrsadh. Uaireannan, chì sinn pàirt dhen taobh a tha a' deàrrsadh agus pàirt dhen taobh a tha fo sgàile. Sin an t-adhbhar gun saoil sinn gu bheil a' Ghealach ag atharrachadh a cruth.

Image source, NASA
Back to top

A' siubhal dhan Ghealaich

Bha daoine ris an canar speuradairean air a' ghealaich. Tha a' ghealach air a dèanamh de chreag.

Shiubhail iad dhan ghealaich ann an rocaid agus bha deiseachan sònraichte orra airson an dìon.

Back to top
Back to top