91ȱ

Dè th' ann an giullachd bìdh?

'S e giullachd bìdh nuair a chleachdas tu aon seòrsa bìdh airson biadhan eile a dhèanamh.

Diofar sheòrsachan bìdh air an dèanamh le tomàto: sabhs tomàto, ٴdzàٴdzٳ󲹲 tiormaichte sa ghrèin, tomàto pronn agus sabhs tomàto

մdzàٴdzٳ󲹲

Tha coltas gu math eadar-dhealaichte air sabhs pasta, sabhs tomàto ketchup agus ٴdzàٴdzٳ󲹲 air an tioramachadh sa ghrèin, ach tha aon ghrìtheid sa h-uile gin… ٴdzàٴdzٳ󲹲!

Bidh ٴdzàٴdzٳ󲹲 a' dol air diofar thurasan mus tèid iad dhan na biadhan sin.

Mar eisimpleir, tha iad air am bruich agus air am measgadh còmhla ri mòran ghrìtheidean eile, mar creamh, airson sabhs blasta a dhèanamh airson pasta.

Diofar sheòrsachan bìdh air an dèanamh le tomàto: sabhs tomàto, ٴdzàٴdzٳ󲹲 tiormaichte sa ghrèin, tomàto pronn agus sabhs tomàto
ҰàԱ𲹲 cruithneachd

ҰàԱ𲹲

San Rìoghachd Aonaichte, bidh sinn ag ithe tòrr ghràinean mar seagal, gràn Innseanach, coirce, òԲ agus cruithneachd.

  • Tha cuid a ghràinean air an dèanamh nan gràinean bracaist
  • Tha cuid a ghràinean air am bleith nam flùr. Faodar aran, pasta agus cèicichean a dhèanamh leis an fhlùr seo. Tha tòrr siùcair cuideachd ann an cèicichean agus cha bu chòir dhut cus ithe dhiubh.
  • Tha gràinean eile ann a tha nam biadh do bheathaichean
ҰàԱ𲹲 cruithneachd

ܲԳàٲ

Faodar buntàta a ghiullachd gu bhith na bhuntàta ròsta, buntàta pronn, na shliseagan no fiù 's na bhrisgeanan.

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè as aithne dhut mu ghiullachd bìdh.

ù

Bidh sinn a' giullachd bhiadhan airson gum bi sinn ag ithe tòrr dhiofar rudan agus airson biadh amh a chumail ùr nas fhaide.

An smaoinich thu air biadh sam bith a sheasas nas fhaide bhon a tha iad air an giullachd? Dè na grìtheidean a tha annta?

Seo beachd no dhà airson tòiseachadh:

  • Biadh ann an tionaichean
  • Biadh air a thioramachadh
  • Lusan reòta

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic