91ȱ

Tha còig buidhnean bìdh ann:

  • Lusan agus measan
  • Carbohaidreat
  • ʰòٲ
  • Bathar bainne
  • Geir agus ola

Carson a tha am biadh a bhios sinn ag ithe cudromach?

Bu chòir gun toireadh am biadh a dh'itheas sinn ùٳ agus mathachadh dhuinn gus à agus ar bodhaig a chumail fallain.

Tha gach buidheann dhe na còig cudromach:

  1. Bidh lusan agus measan, mar eisimpleir ùbhlan, bananathan agus brocail, a' toirt dhuinn nam beothamain a chumas ar bodhaig ag obrachadh ceart agus a chuidicheas siostam dìon ar bodhaig, agus freumhag a chuidicheas le biadh a chnàmh.
  2. Bidh carbohaidreat, mar pasta, aran agus rus a' toirt dhuinn ùٳ.
  3. Bidh òٲ, mar feòil, pònairean agus uighean a' toirt dhuinn fhèithean fallain agus a' toirt à agus à air ar bodhaig.
  4. Bidh bathar bainne, mar bainne, càise agus iogart a' toirt dhuinn calcium airson fiaclan agus cnàmhan làidir.
  5. Bidh geir agus ola, mar eisimpleir ola a' chroinn-ola agus ìm, ag obrachadh mar stòr ùٳ.
Na còig buidhnean bìdh

Cliog tron taisbeanadh agus chì thu eisimpleirean eile bho na còig buidhnean bìdh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Lusan agus measan, Lusan agus measan Bidh lusan agus measan a' toirt dhuinn bheothamain a chumas ar bodhaig ag obrachadh ceart, a chuidicheas siostam dìon ar bodhaig, agus freumhag a chuidicheas le biadh a chnàmh.
Measgachadh de bhiadh mì-fhallain
Image caption,
Cha bhi biadh anns a bheil tòrr salainn, geir no ù a' toirt mathachadh dhar bodhaigean agus cha bu chòir dhuinn uiread dhiubh ithe.

Dè th' ann an daithead fhallain?

  • 'S e am biadh a bhios sinn ag ithe an daithead againn.
  • Bu chòir iomadh biadh a bhith ann an daithead fhallain. Bu chòir rud a bhith ann bho na còig buidhnean bìdh gun chus dhen aon rud.
  • Chan eil biadh le tòrr salainn, geir no ù mar criospan agus cèicean ann an gin dhe na còig buidhnean. Cha bu chòir dhuinn a bhith a' gabhail cus dhiubh sin chionn chan eil iad a' toirt mathachadh dhar bodhaigean.
Measgachadh de bhiadh mì-fhallain
Image caption,
Cha bhi biadh anns a bheil tòrr salainn, geir no ù a' toirt mathachadh dhar bodhaigean agus cha bu chòir dhuinn uiread dhiubh ithe.

Uisge

A bharrachd air daithead fhallain, chothromach a bhith againn, tha e uabhasach cudromach uisge òl. Bidh uisge gar cumail fallain agus gun tioramachadh. Tha sin a' ciallachadh gum bi uisge gu leòr nar bodhaig.

Bidh ar bodhaig a' call uisge fad na h-ùine. Bidh sinn a' call uisge le ar n-anail, fallas agus a' dol dhan toileat. Tha e cudromach gun òl sinn uisge gu leòr tron latha a nì suas airson na tha sinn a' call no tioramaichidh sinn.

Agus cuimhnich gu bheil uisge bhon tap an-asgaidh!

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè as aithne dhut mu na buidhnean bìdh agus daithead fhallain.

ù

An smaoinich thu air biadh a bhiodh math ann am bogsa-bìdh na sgoile?

Bu chòir dhan bhiadh a bhith fallain agus cothromach le rudeigin às na còig buidhnean bìdh.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic