91ȱ

'S e seòrsa de lùth ath-nuadhachail a th' ann an lùth geo-thearmach a bhios a' cleachdadh teas nàdarra na Talmhainn airson dachaighean agus gnothachasan a theasachadh no airson dealan a ghintinn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an lùth geo-thearmach
  • Mar a ghabhas a chleachdadh airson dealan a ghintinn
  • Àitichean air an t-saoghal far a bheil lùth geo-thearmach air a chleachdadh
  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth geo-thearmach

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Stèiseanan cumhachd geo-thearmach

Bidh stèiseanan cumhachd geo-thearmach gan togail far a bheil amaran uisge fon talamh timcheall nan ann am na Talmhainn.

Tha na àԲ eadar na pleataichean a' leigeil le an t-uisge a theasachadh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Bidh stèiseanan cumhachd geo-thearmach a' cleachdadh cumhachd teas nàdarra na Talmhainn airson dealan a ghintinn. (Bart Pro / Alamy Stock Photo)

Ann an stèisean lùth geo-thearmach:

  • Tha stioma air a chruthachadh bho theas an uisge air a tharraing suas chun an uachdair.

  • Bidh an bhon stioma a' tionndadh anns an stèisean cumhachd.

  • Bidh na a' cur seo gu dealan.

  • Bidh an ù-ڳܲ󲹾 a' fuarachadh an stioma agus bidh e a' dol na uisge a-rithist, agus bidh an t-uisge an uair sin air a thilleadh tro na pìoban chun an amair far an ò am pròiseas a-rithist.

Far a bheil stèiseanan cumhachd geò-thearmach

Tha stèiseanan cumhachd geò-thearmach suidhichte ann an àitichean air an t-saoghal a tha nan laighe air eadar . Tha tòrr obair bholcànach annta agus tha rùsg na Talmhainn nas taine, agus tha sin a' cuideachadh leis na suidhichidhean a chruthachadh a dh'fheumar airson lùth geo-thearmach a ghlacadh gu furasta.

Thèid aig dùthchannan mar Innis Tìle, Sealan Nuadh agus ԻDzì air lùth geo-thearmach a chleachdadh chionn tha iad air na ǾԾ𲹲-àԾ sin.

Image caption,
Tha stèiseanan cumhachd geò-thearmach suidhichte ann an àitichean air an t-saoghal a tha nan laighe air ǾԾ𲹲-àԾ eadar pleataichean teactonaig. Faodaidh tòrr obair bholcànach a bhith anns na h-àitichean seo agus tha sin a' cuideachadh le na suidhichidhean a chruthachadh a dh'fheumar airson lùth geo-thearmach a chleachdadh.

Pumpaichean teas talmhainn

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 2, , Ann an Alba faodaidh tu pumpaichean teas talmhainn a chleachdadh airson teasachadh meadhain agus uisge teth a thoirt dha na dachaighean againn.

Bhon nach bi ionadan-lùth geo-thearmach ag obrachadh gu math ach ann an àitichean far a bheil ǾԾ𲹲-àԾ eadar pleataichean teactonaig, cha bhi Alba a' gintinn lùth san dòigh seo.

Ach ge-tà, thèid aig dùthchannan mar Alba fhathast air lùth geo-thearmach a chleachdadh le bhith a' cleachdadh pumpaichean teas talmhainn.

Mar as fhaide ìDz a thèid thu fon talamh, 's ann as àٳ a tha an talamh, agus mar sin gabhaidh lionn a bhlàthachadh le bhith ga phumpadh tro phìoban fon talamh. Faodaidh sinn seo a chleachdadh airson teasachadh meadhain agus uisge teth dha na dachaighean againn.

Tha seo na eisimpleir eile air lùth geo-thearmach.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan dealan geo-thearmach

Buannachdan

  • Tha lùth geo-thearmach nas fheàrr dhan àrainneachd na bhith a' cleachdadh chonnaidhean-fosail agus tha an lorg carbon aige ìDz.

  • 'S e lùth ath-nuadhachail a th' ann nach teirig. Tha na h-amaran teth san Talamh air an ath-lìonadh gu nàdarra, ga dhèanamh ath-nuadhachail agus seasmhach.

  • Tha mòran stòran geo-thearmach ann nach do rannsaich sinn fhathast agus tha mar sin tòrr mòr lùth eile ann ri lorg agus ri chleachdadh.

Eas-bhuannachdan

  • Cha ghabh ionadan cumhachd geo-thearmach a thogail sa h-uile h-àite. Chan obraich iad ach air ǾԾ𲹲-àԾ, agus tha sin a' ciallachadh nach urrainn iomadh sgìre air an t-saoghal (mar Alba) an lùth seo a chleachdadh.

  • Faodaidh gasaichean taigh-glainne fon talamh a dhol mu sgaoil fhad 's a thathar a' drileadh dhan talamh airson ionadan cumhachd geo-thearmach a thogail. Bidh na gasaichean seo a' dol mu sgaoil dhan àile gu nàdarra, ach bidh e a' tachairt nas luaithe faisg air ionadan geo-thearmach.

  • Dh'fhaodadh togail ionadan-lùth geo-thearmach (a tha a' cur feum air cladhach dhan talamh) crithean-talmhainn adhbhrachadh.

Back to top

rùsg na Talmhainn - Filleadh uachdrach na Talmhainn. Tha e a' còmhdach na planaid gu lèir, muir agus tìr. Tha e air a dhèanamh de chreagan agus de mhèinnirean agus faodaidh tighead 1.5 gu 70 km a bhith ann.

pleataichean teactonaig - Leacan mòra de chreag chruaidh a bhios air an cruthachadh bho rùsg na Talmhainn. Tha iad mar phìosan de mhìrean-measgaichte a bhios a' fiotadh còmhla agus a tha air an sgaradh leis na ǾԾ𲹲-àԾ. Bidh pleataichean teactonaig a' seòladh mun cuairt gu mall air filleadh tiugh de chreag theth, leaghte agus leth-leaghte ris an canar an fhallainn. Nuair a ghluaiseas pleataichean teactonaig, faodaidh beanntan agus cuantan a bhith air an cruthachadh, no crithean-talmhainn no bholcànothan a bhith ann.

ǾԾ𲹲-àԾ - Sgàinidhean fada ann an rùsg na Talmhainn. Bidh na sgàinidhean seo a' nochdadh eadar leacan mòra, mòra de chreagan ris an canar pleataichean teactonaig. Bidh crithean-talmhainn agus bholcànothan mar as trice a' tachairt aig ǾԾ𲹲-àԾ.

fallainn - Am filleadh as tighe de thaobh a-staigh na Talmhainn. Tha e na laighe eadar eitean na Talmhainn agus rùsg na Talmhainn. Tha e uabhasach fhèin teth agus 's e creag leaghte as motha a th' ann.

magma - Creag leaghte a tha shìos domhainn fo uachdar na Talmhainn. Gheibh magma a-mach nuair a nochdas sgàinidhean ann an rùsg na Talmhainn no nuair a spreadhas bholcànothan. Canar làbha ri magma a ruigeas uachdar na Talmhainn.

mòr-thubaist nàdarra - Rud a thachras mar thoradh air pròiseasan nàdarra. Chan urrainn daoine mòr-thubaist nàdarra adhbhrachadh. Tha bholcànothan, crithean-talmhainn agus tsunamithean nan eisimpleirean de mhòr-thubaistean nàdarra a dh'fhaodas a bhith air an adhbhrachadh le gluasad nam pleataichean teactonaig.

tuirbin - 'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

gineadair - Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.

ù-ڳܲ󲹾 - Tùr mòr air a chleachdadh airson an stioma fhuarachadh, ga thionndadh air ais na uisge, a tha an uair sin air a thilleadh dhan amar.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Lorg dùthchannan a dh'fhaodadh lùth geo-thearmach a chleachdadh

  1. Lorg à mhap air-loidhne: map dhen t-saoghal agus map de ǾԾ𲹲-àԾ an t-saoghail.

  2. Cleachd na mapaichean agus lorg dùthchannan 's dòcha aig a bheil comas cumhachd a chruthachadh a' cleachdadh lùth geo-thearmach.

  3. Tagh a dhà no trì dhùthchannan: A bheil ionadan-lùth geo-thearmach aca an-dràsta? Ma tha, carson a tha an lùth seo air a chleachdadh?

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic