Society - Health and activity
In this article, the writer addresses walking as an activity. Read the text then answer the questions which follow.
1. Am bi thu a' dèanamh eacarsaich gu leòr? Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil còrr is an treas cuid de dh'inbhich agus cairteal de chlann anns an dùthaich a' faighinn gu leòr eacarsaich. Tha an cion eacarsaich fhiosaigeach seo a' cur ri bàs cha mhòr dà mhìle 's a còig cheud neach gach bliadhna, agus a' fàgail chosgaisean de mu naochad 's a ceithir millean not air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte. A bharrachd air a bhith a' sgrìobhadh òrdugh-cungaidh airson drogaichean a-nis, faodaidh dotairean innse do dhaoine gum feum iad barrachd eacarsaich a dhèanamh cuideachd.
2. Chan fheum thu a bhith a' ruith airson ùine mhòr no a' togail chuideaman mòra; tha coiseachd a cheart cho math dhut. Ma bhios cuideigin a' coiseachd airson leth-uair a thìde gach latha, bheir e buaidh mhath, fhollaiseach air an cuid slàinte. Tha coiseachd an-asgaidh agus tha e nas tarraingiche do mhòran dhaoine na bhith a' cosg fortan air ballrachd do chlub-spòrs no talla-spòrs. Mar sin, tha Riaghaltas na h-Alba air ro-innleachd nàiseanta a chur air bhog gus Albannaich a bhrosnachadh gu bhith a' coiseachd nas trice. Tha am Mìle Làitheil na phàirt mhòr den ro-innleachd sin.
3. Thòisich am Mìle Làitheil ann am bun-sgoil ann an Sruighlea ann an dà mhìle 's a dhà dheug agus tha e air sìor fhàs on uair sin le còrr is trì mìle sgoil a' gabhail pàirt. 'S e beachd gu math sìmplidh a th' ann far am bi clann anns a' bhun-sgoil a' ruith no a' coiseachd airson cairteal na h-uarach gach latha. Tha e an-asgaidh agus faodaidh bun-sgoiltean a dhèanamh anns an raon-chluiche no an talla-spòrs ma bhios droch shìde ann.
4. Tha fianais ann gu bheil buaidh mhath aig a' Mhìle Làitheil air slàinte na cloinne - bidh iad a' fàs nas làidire gun teagamh, ach bidh iad cuideachd a' toirt aire nas fheàrr anns a' chlas, bidh iad nas modhaile agus bidh iad nas sunndaiche san fharsaingeachd.
5. Mur eil thu anns a' bhun-sgoil ge-tà, dè an taic a th' ann dhut? Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur £1.2 millean not sa bhliadhna a-steach gu sgeamaichean a' brosnachadh coiseachd, nam measg pròiseactan a bhios a' cur taic ri bhith a' leasachadh shlighean coiseachd coimhearsnachd ùra ann an sgìrean ionadail. Tha seo gu h-àraidh feumail air an dùthaich gus am bi àiteachan sàbhailte ann airson coiseachd gus nach bi aig daoine ri coiseachd air an rathad. Tha e a' ciallachadh gum bi do chasan tioram agus gu bheil a' chuairt freagarrach do dhaoine a bhios a' cleachdadh chathraichean-cuibhle agus daoine le leanabh ann am pram cuideachd.
6. Tha Cuairtean Slàinte nam pròiseactan coimhearsnachd airson daoine nach eil gnìomhach a bhrosnachadh gus a bhith nas fhallaine. Tha iad gan stiùireadh le neach saor-thoileach le trèanadh ceart air slighe shàbhailte chòmhnard. Cha mhair iad nas fhaide na uair a thìde agus bidh iad a' tòiseachadh gu slaodach, a' fàs nas luaithe anns a' mheadhan agus an uair sin a' fàs nas slaodaiche ron deireadh.
7. Bidh buidhnean càirdeil a' coinneachadh gu cunbhalach airson cuairtean agus tha fàilte chridheil ro dhaoine ùra orra. Gheibhear buannachdan às na cuairtean, cuiridh daoine eòlas air a chèile gu sòisealta agus air an sgìre ionadail aca fhèin. Tha làrach-lìn ann far am faicear Cuairtean Slàinte faisg ort.
8. Chan eil coiseachd math dhutsa a-mhàin. Tha buannachdan mòra ann airson na h-àrainneachd cuideachd. Bidh e a' lùghdachadh truailleadh san èadhar agus trioblaidean trafaig leis nach eil daoine a' cleachdadh chàraichean cho tric. Tha eaconamaidhean nas làidire aig sgìrean far a bheil coiseachd nas cumanta.
Now answer the questions on the next page.