91ȱ

Dè th' ann an turas bìdh?

Bidh a h-uile seòrsa bìdh a' dol air turas bho ٳù gus an ruig e thu fhèin, an caitheadair. Bidh sinn a' ceannach biadh ann an diofar bhùithtean no ag òrdachadh air-loidhne agus thig sin dìreach chun an taighe.

Tha diofar bhiadhan air an ullachadh agus air am pacaigeadh ann an diofar dhòighean airson a bhith goireasach dhuinn. A bheil fios agad cia mheud ìre tron deach gach biadh?

Cò às a tha bainne a' tighinn?

Bidh crodh a tha nam màthraichean a' dèanamh bainne airson na laoigh aca a bhiathadh. Nuair a dh'itheas bò feur ann an achadh an tuathanaich, bidh corp na bà a' cleachdadh mathachadh bhon fheur airson bainne a dhèanamh dha na laoigh. Bidh an tuathanach an uair sin a' ceangal inneal ris an ùth aca agus gam bleoghan.

Bidh am bainne ga chur ann a' bhat agus ga phaistiurachadh. Sa phròiseas seo tha am bainne ga theasachadh aig teòthachd àrd airson bacteria cronail a mharbhadh. Bidh e air fhuarachadh às dèidh sin airson a chumail ùr. Bidh inneal eile a' toirt a' bhàrr bhon bhainne. Canar meadhan-sheachnadh ris a seo. Tha sin a' ciallachadh a bhith a' sgaradh measgachadh le bhith a' cur charan dheth.

Tha am bainne a-nis deiseil airson na ceum mu dheireadh dhen turas. Tha e a' dol ann am botail airson falbh air làraidh dhan mhòr-bhùth, dhan bhùth no fiù 's chun an taighe agad.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Bò bhainne ag ithe feur, Tha bainne a' tòiseachadh le feur ann an achadh an tuathanaich. Bidh an crodh-bhainne ag ithe an fheòir agus a' dèanamh bainne.

Cò às a tha aran a' tighinn?

Tha turas an arain a' tòiseachadh le cruithneachd ann an achadh tuathanaich. Tha e air a bhuain le inneal-fogharaidh. Tha a' chruithneachd a-nis deiseil airson falbh gu factaraidh far an tèid a bhleith na fhlùr mhìn.

Tha am ڱù an uair sin air a mheasgadh le uisge agus beirm. Sin na grìtheidean a nì an taois airson an arain. Tha an taois air a cumadh agus air a bruich san àmhainn mus tèid a pacaigeadh agus a toirt dhan mhòr-bhùth airson a reic.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Achadh cruithneachd, Tha turas an arain a' tòiseachadh le cruithneachd a' fàs ann an achadh tuathanaich.

Mìltean bìdh

Gabhaidh mìltean bìdh an arain no a' bhainne obrachadh a-mach le gach ceum dhen turas. Mar as giorra an turas a bhios gach biadh a' gabhail bhon tuathanas gu truinnsear, 's ann as fheàrr a tha e dhan àrainneachd.

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè cho eòlach 's a tha thu air turasan bìdh.

ù

Coimhead air a' bhiadh sa frids, na do bhogsa-bìdh, ann an cantìon na sgoile no smaoinich air a' bhiadh as fheàrr leat.Faigh a-mach càit an deach a dhèanamh.

Feuch an dèan thu a-mach an turas bìdh no obraich a-mach na mìltean bìdh aige.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic