Bidh a h-uile seòrsa bìdh a' siubhal bho far am bi e a' fàs chun an luchd-ceannach. Tha an turas air obrachadh a-mach ann am mìltean bìdh.
Mìltean bìdh
Bidh mìltean bìdh a' tomhas an astair a tha biadh a' siubhal gu do thruinnsear air còmhdhail a tha a' dèanamh eimiseanan carbon. Bidh cuid de bhiadh a' siubhal bhon tuathanas air a bheil e a' fàs gu bùth anns an tèid a reic. Bidh cuid eile a' siubhal gu factaraidh an toiseach agus an uair sin gu bùth no mòr-bhùth.
Tha biadh a thèid ڳà agus a èԲ gu h-ionadail nas seasmhaiche dhan àrainneachd.
Tha biadh bho air feadh an t-saoghail anns na bùithtean againn. Mar eisimpleir, càise às an Roinn Eòrpa agus bananathan à Ameireaga a Deas. Cha mhòr nach gabh a h-uile rud a thoirt a-steach à dùthchannan eile.
Biadh air a ghiullachd
Bidh tòrr ghrìtheidean ann am biadh air a ghiullachd. Bidh gach grìtheid air siubhal pìos math mus tèid an cur còmhla.
Mar eisimpleir, ma gheibh thu sailead mheasan ann am pacaid ann am mòr-bhùth, 's dòcha gum bi subhan-làir na mheasg à Alba, anann à Cost Rica agus fìon-dhearcan às an Èipheit.
- Chruthaich gach fear dhiubh sin mìltean bìdh air an t-slighe dhan fhactaraidh anns an deach an ullachadh agus am pacaigeadh.
- Chruthaich iad an uair sin barrachd mhìltean bìdh air an t-slighe dhan mhòr-bhùth.
- Mu dheireadh, bidh fiù 's barrachd mhìltean bìdh a' dol ris ma chaidh an neach-ceannach dhan mhòr-bhùth ann an càr no air bus.
Biadh ùr
Bidh biadh ùr a' cruinneachadh mhìltean bìdh nuair a tha iad a' falbh à far an do dh'ڳà iad gu far an tèid an ceannach.
Mar eisimpleir, bidh peuran à Argentina a' siubhal còrr is 7,000 mìle dhan RA. Tha an ùٳ air a bheil feum airson na peuran a ù à Argentina a' cruthachadh làrach carbon (na tha de ghasaichean taigh-glainne air an dèanamh).
Biadh agus an àrainneachd
Feumaidh sinn ùٳ airson biadh ڳà, a èԲ agus a ù. Tha barrachd ùٳ ga chosg a' dèanamh cuid de bhiadh na cuid eile. Tha tòrr dhen ùٳ a' tighinn bho chonnadh-fosail (gual, ola agus gas) a bhios a' cruthachadh eimiseanan carbon.
Dè th' ann an eimiseanan carbon?
'S e gasaichean mar carbon dà-ogsaid, èٲ agus nitrous ogsaid a th' ann an eimiseanan carbon. Tha iad sin a' dol mu sgaoil ann an àile na Talmhainn nuair a bhios sinn a' losgadh chonnaidhean-fosail airson ùٳ. Tha eimiseanan carbon nan adhbhar air blàthachadh na cruinne agus bidh cuid dhiubh ag adhbhrachadh truailleadh.
Dè th' ann am blàthachadh na cruinne?
Tha blàthachadh na cruinne na phàirt de dh'atharrachadh na gnàth-shìde. Tha e a' ciallachadh gu bheil an teòthachd chuibheasach ann an àile na Talmhainn a' meudachadh. Le eimiseanan carbon, tha e mar gu bheil taigh-glainne mu chuairt na Talmhainn. Tha sin a' cur stad air teas bho bhith a' fàgail àile na Talmhainn agus tha a' phlanaid nas blàithe mar thoradh air a sin.
Dè 's urrainn dhuinn a èԲ?
Bheir am biadh a thaghas sinn buaidh air an àrainneachd. Le bhith a' coimhead airson stiogairean agus pacaigeadh a tha ag innse cò às a tha am biadh, faodaidh sinn feuchainn ri mìltean bìdh a bheagachadh le bhith a' ceannach biadh ionadail, seasmhach.
Faodaidh sinn cuideachd a bhith ag ithe nas lugha de bhiadh a tha a' cosg tòrr ùٳ airson a èԲ, mar feòil agus bathar bainne, biadh a dh'ڳà ann taighean-glainne air an teasachadh, agus biadh a th' air a ghiullachd gu mòr.
Faclan feumail
- seasmhach – ma tha biadh seasmhach, tha e a' ciallachadh gun urrainn dhuinn cumail ga chleachdadh agus nach teirig e. Mar eisimpleir, ma bhios sinn ag iasgach san aon phàirt dhen mhuir fad na h-ùine agus nach leig sinn leis an iasg sìolachadh agus fàs a-rithist, teirigidh mu dheireadh an t-iasg san àite sin.
- ionadail – àite faisg air far a bheil thu a' fuireach. 'S e bùth ionadail a th' ann am bùth sa bhaile agad fhèin seach bùth gu feum thu siubhal.
- biadh air a thoirt a-steach – biadh air a thoirt a-steach a dhùthaich à dùthaich eile airson a reic.
1 of 4
Feuch air na ceistean seo agus faic dè nas aithne dhut mu bhiadh seasmhach.
ù
Smaoinich mu na biadhan as fheàrr leat. Rannsaich cò às a tha gach grìtheid a' tighinn agus obraich a-mach na mìltean bìdh aca.
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count1 of 10
- count2 of 10
- count3 of 10
- count4 of 10