Cluanaidh Mac a' Phearsain
Beinn Eallair
© James Gibb
Anns na linntean a chaidh seachad bha cinn-feadhna Chlann 'Ic a' Phearsain air an ainmeachadh mar Cluanaidh Mac a' Phearsain.
B' e Eoghan "Ruadh" Mac a' Phearsain, a rugadh ann an 1706, aon de na cinn-feadhna a bha air a' chinneadh. Bha e air taobh nan Seumasach ri linn Ar-a-mach 1745. Bha Cluanaidh is arm nan Stiùbhartach a' dìon bealaich Bhà ideanach aig à m Blà ir Chùil Lodair ach a dh'aindeoin 's nach robh e an sàs sa bhlà r b'fheudar dha a dhol fon choill. Bha e a' falach am measg choilltean, chreagan 's bheanntan Bhà ideanach 's ged a bha fios aig daoine cà ite an robh e, cha deach a bhrathadh. Am measg nan à iteachan anns am biodh e a' falach, bha uaimh air a' Chreag Dhubh agus à ite ris an cante "Cluny's Cage" air Beinn Ealair. B' ann an seo a chuir am Prionnsa Teà rlach seachad beagan ùine cuide ri Cluanaidh fhad 's a bha e a' feitheamh ri soitheach a bheireadh e dhan Fhraing.
Ann an 1755 chaidh Cluanaidh dhan Fhraing ach cha robh e fada san dùthaich gus an do chaochail e. Bha cuid ag rà dh gur e briseadh-cridhe a thug am bàs dha 's e ag ionndrainn Srath Spè. Chaidh a thiodhlacadh ann an gà rradh nan Carmelites ann an Dunkirk.
Ann an 1817 ghabh ogha do dh' Eoghan Ruadh thairis an tiotal Cluanaidh Mac a' Phearsain às dèidh bàs athar, Donnachadh na h-à th. B' e esan an 20mh Cluanaidh Mac a' Phearsain, no Seann Chluanaidh mar a chante ris, agus b' ann dhasan a bha Calum "Pìobaire" Mac a' Phearsain ag obair aig Caisteal Chluanaidh.
Bha Caisteal Chluanaidh ann an Lagan na dhachaigh do chinn-feadhna Mhic a' Phearsain. Chaidh an togalach a losgadh gu là r ann an 1746 le saighdearan dearga is iad an tòir air na Seumasaich. Ann an 1805 chaidh taigh mòr a thogail air an là raich agus bha e na dhachaigh do Chlann a' Phearsain gu 1932 nuair a chaidh a reic.
Leugh is èist ri Tuireadh nan trì Tighearnan.