91Èȱ¬

Explore the 91Èȱ¬
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


91Èȱ¬ 91Èȱ¬page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt

Calum Mac a' Phearsain
Calum "Piobaire" Mac a' Phearsain

Thàinig an dealbh seo bhon leabhar Binneas is Borearaig.



B' e Calum "Pìobaire" Mac a' Phearsain aon de na pìobairean a b' ainmeile ann an eachdraidh a' chiùil. Bha e na phìobaire an Caisteal Chluainidh mar a bha athair, Aonghas, roimhe. Agus b' ann le na pìobairean ainmeil Clann MhicCruimein anns an Eilean Sgitheanach a chaidh Aonghas oideachadh.

Bha Calum a' fuireach ann an Cataig, faisg air Lagan, agus sin far am biodh e a' teagaisg pìobaireachd. Dh'ionnsaich e a chòignear mhac fhèin agus grunn de ghillean Bhàideanach, cuid a bhiodh a' coiseachd mìltean airson cothrom ionnsachadh bhuaithe. B' ann le còmhradh agus canntaireachd a biodh e a' teagaisg, 's a rèir coltais bha e glè chruaidh air na h-oileanaich aige 's aca uairean suas ri dusan uair a thìde san là a chur seachad ag ionnsachadh. Ach chruthaich e grunn de shàr phìobairean thar nam bliadhnaichean.

Choisinn Calum iomadach duais pìobaireachd na latha, nam measg Am Bonn Òir aig Cruinneachadh Earra Ghàidheil san Òban ann an 1876. Ann an 1886 bhuannaich e farpais mhòr phìobaireachd a mhair trì là ann an Dùn Èideann 's e còrr is trì fichead aig an àm.

Chaochail Calum san Iuchar 1898 agus chaidh a thiodhlacadh ann an cladh eaglais Lagain. Sa bhliadhna 1960 thog Comann Glaschu Bhàideanach càrn ann an Cataig mar chuimhneachan air an t-sàr phìobaire.






Èist

Beachd Chaluim Pìobaire air pìobaire ùr Chluainidh.


air ais


About the 91Èȱ¬ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý