Main content

Sgiobair – Màiri Anna NicDhòmhnaill

Ionnsaich beagan mu Mhàiri Anna NicDhòmhnaill

Thogadh Màiri Anna ann an Uibhist a Deas. ‘S ann as an sin a bha a h-athair, bha a chuideachd bho thaobh Hogha Mòr. Cha robh i ann a Sgoil Hogha Mhòir ach son tacan glè ghoird. Dh’ fhalbh a h-athair a dh’ obair gu tuathanach faisg air Port of Menteith agus chaidh i dhan sgoil ann a sin is gun ach rud beag Beurla aice.
Bha iad air tìr-mòr gus an robh i ochd gu leth agus thìll iad dhachaidh a dh’ Uibhist agus chaidh i do sgoil Loch Baghasdail, far an do thog a h-athair taigh. Bha i fuireach ann an Uibhist a Deas gus do dh’ fhalbh i dhan sgoil, air tìr-mòr, aig aois trì deug. Bha i riamh nas eòlaiche air Bearnaraigh, oir bhiodh i a’ dol ann a h-uile samhradh gu taigh a seanair.

Às dèidh an oilthigh chaidh Mairianna a Lunainn a dh’obair dhan bhuidheann naidheachd, Reuters. Tha i smaoineachadh gun d’ fhuair i an obair sin chionns gun do chur i crìoch air tòimhseachan-tarsainn an Times a mhadainn sin. Tè sam bith aig a bheil eanchainn son t-t an Times tha eanchainn aice son obair choimpiutairean, thubhairt am fear a bha ga ceasnachadh agus fhuair i an obair.
Às dèidh sia bliadhna ann an Lunainn thìll i a dh’Alba agus fhuair i obair aig a BhBC a’ leughadh agus a’ deasachadh nan naidheachdan Gàidhlig.
Bhon a dh’fhàg i am 91ȱ ann an 1993 tha Màiri Anna air a bhi trang na h-eadar-theangaiche, na sgrìobhadair agus na craoladair. Chaidh iarraidh oirre leabhar a sgrìobhadh. ‘S e “Sràid na h-Eala” an t-ainm a bh’air an leabhar sin. Lean sin gu tuilleadh leabhraichean son clann nas aosda agus nas aosda a-rithist agus an uairsin gu leabhar son inbhich, Cleas Sgàthan.
Tha i air cuir ris na cànain a tha aice le bhith ag ionnsachadh Spàinnis agus Rùisis agus nuair nach bith I ris na tha seo is toigh leatha a bhidh fidhe agus a’ dealbh na pàtrain aice fhèin.

Release date:

Duration:

1 minute

This clip is from