Sgiobair – Iain Mac`lleMhicheil
Ionnsaich beagan mu Iain!
Tha Iain Mac’illemhìcheil a-measg na craoladairean is ainmeil a tha ann an saoghal na Gà idhlig. Rugadh is thogadh e ann an Ìle, far nach cuala e facal Beurla gus an robh e faisg air sia bliadhna dh’aois. Bha ùidh mhòr aige riamh ann am faclan ùra, ged nach b’e an fheadhainn a b’fheà rr a bha e a’ togail ’s e “a’ cuideachadh” (na bheachd fhèin!) timcheall na bà thcha air oighreachd Ile còmhla ri sheanair! Cha robh sin a’ cur bacadh sam bith air bho bhith gan cleachdadh ann an suidheachaidhean mi-fhreagarrach – agus a’ faighinn droch chronachadh air an tà illibh.
Tha e duilich dha a’ chreidsinn gu bheil 36 bliadhna ann a-nis bho chaidh e an sàs ann an obair chraolaidh an toiseach (mus robh guth air Stor-Data no Dwelly air loidhne!) ach tha e fhathast taingeil airson gach cothrom a fhuair e an luib na h-obrach sin eòlas a chuir air eileanan eile is air an cuid Gà idhlig. ’S iomadh facal is gnà thas-cainnt ùr a thog e thar nam bliadhnaichean nach cualas riamh ann an Ìle!
Bha e cuideachd an sàs anns a’ chiad Aibisidh còmhla ri Finlay J ach ’s fhada bho chaidh na faclan sin às a chuimhne!
Nam bitheadh cothrom aige coinneachadh ri seòid Ghà idhlig bho lìnn eile, cha rachadh e seachad air Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir no Eideard Dwelly, a bha na mhìorbhail.
Chan eil nì as fheà rr leis na bhith ann an cuideachd eirmseach le drama den stuth Ìleach.
Duration:
This clip is from
More clips from Series 1
-
Seanfhacal - Am fear nach fhosgail a sporan ...—Episode 3
Duration: 00:44
-
Seanfhacal - Fear sam bith a loisgeas a mhĂ s ...—Episode 4
Duration: 00:36
-
Seanfhacal - An car a bhios anns a' mhĂ thair ...—Episode 5
Duration: 00:52
-
Seanfhacal - Tagh do bhean ...—Episode 6
Duration: 00:59
More clips from Aibisidh/Quiz Show
-
Dè an t-òran a tha seo?—Series 2, Episode 12
Duration: 01:05