Main content

le Maureen NicLeòid

Dè a' bhuaidh - agus dè na cunnartan - a tha an cois clòimh-dhubh agus dampachd? A discussion of the dangers of black mould for human health, and how to stop it.

Le cunnartan a' chlòimh-dhuibh ann an taighean far a bheil dampachd àrd anns na naidheachdan - ciamar a thèid aig daoine air dèiligeadh ris, agus cò às a tha e a' tighinn sa chiad àite? Tha Maureen NicLeòid a' cluinntinn mun a' saidheans, agus mu na trioblaidean practaigeach a tha ga adhbhrachadh.

Dhearbh luchd-saidheans gum faigh iad air seann phàipearan bho linn na Ròmanach a leughadh; rudan a chaidh an losgadh nuair a sprèidh beinn-theine Vesuvius, o chionn dà mhìle bliadhna. Ach dè na sgrìobhaidhean is na h-ùghdaran a chaidh a chall bho na linntean sin, a dh' fhaodadh a bhith air falach nam measg - agus carson a tha sinn air uimhir a chall? Tha an t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air a bhith rannsachadh.

S e Nayib Bukele ceann-suidhe El Salvador – dùthaich bheag, le connspaid is comhstri gu leòr co-cheangailte ri poileasaidhean Bukele gus eucoir a smachdachadh. Is tha e a-nise, a-reir choltais, airson leigeil dha Trump na prìosain mhòra a thog e airson eucoirich a chumail fo ghlas – a chleachdadh airson eucoirich Ameireaganach. Tha Derek MacAoidh ag innse dhuinn beagan mu dheidhinn, agus mun dùthaich.

19 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 11 Feb 2025 22:25

Music Played

  • John James Galbraith

    Ho Ro Tha Mi Sunndach (Bàta Beag Mo Rùin)

    • Fuaran.
    • Feisean Nan Gaidheal.
    • 011.
  • Julie Fowlis

    An t-Aparan Goirid 's an t-Aparan Ùr (Oran do Sheasaidh Bhaile Raghnaill)

    • Cuilidh.
    • Spit & Polish.
    • 3.

Broadcasts

  • Tue 11 Feb 2025 09:00
  • Tue 11 Feb 2025 22:25