Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.

Tha dealbh de phàidhir stocainnean a bh' aig a' bhàrd Raibeart Burns air mòran aire a tharraing air-loidhne. Dè na rudan as fhasa agus as deuchainniche am fighe agus dè a b' fhaid' a mhair de na rudan a rinn sibh fhèin?

Chuala sinn mu phrògram Eòrpa na seachdain sa bho Shona NicDhòmhnaill - a' comharrachadh 20 bliadhna bho stoirm bàsmhor ann an Uibhist.

'B i Catrìona Dunn, às an Rubha ann an Leòdhas, cèiliche na seachdain. Bha Catrìona na h-iar-stiùiriche air Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar airson iomadach bliadhna; agus 's iomadh sgoilear a theagaisg i ann an Roinn na Gàidhlig ann an Àrd-sgoil MhicNeacail cuideachd.

Le Bliadhn’ Ùr na Sìneach dha chomharrachadh air an t-seachdain sa fhuair sinn beachd bho thriùir a tha air ùine a thoirt seachad ann an Siona, dè a tha dèanamh biadh Sìonach cho tarraingeach.

9 days left to listen

57 minutes

Last on

Sun 2 Feb 2025 12:00

Broadcast

  • Sun 2 Feb 2025 12:00