le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Tha ar saoghal obrach air atharrachadh bho là ithean Covid, le mòran fhathast ag obair bhon dachaigh. Ach dè cho math sa tha an dòigh obrach seo dhuinn agus dhan eaconamaidh? Sin a cheist a thog iris dhen phrògram telebhisein, Panorama. Bha triùir ann an còmhradh ri Cathy mun a phrògram agus iad cuideachd a' toirt am beachd fhèin air a chuspair.
Bha Dòmhnall Iain MacLeòid ann an California ag innse dha Cathy mu dheidhinn mar a tha cùisean sa stà it às dèidh nan teintean sgriosail - a chuir sgìre Palisades na smà l, dìreach deugachadh mhiltean air falbh bho far a bheil Dòmhnall Iain a' fuireachd. Ciamar a tha daoine a' faireachdainn mu na thachair - agus a bheil cunnart ann fhathast?
B' e Ruairidh MacIlleathain cèiliche na seachdain - fear a th' air a dhol bho bhith na thidsear, gu bhith os cionn companaidh craolaidh, is e cuideachd ri sgrìobhadh agus bà rdachd. Eadar eachdraidh a theaghlaich, ceangalan is togail eadar Glaschu agus an t-Eilean Sgitheanach, criomag bà rdachd neo dhà , agus mar a rinn e dhachaigh anns a' Rubha mu dheireadh - 's iomadh sgeulachd is seanchas a th' aige dha Cathy.
Gach Faoilleach, tha cruinneachadh de dhealbhan air am peantadh leis an t-ealanaiche ainmeil, Joseph Turner (1775-1851) ri' m faicinn ann a Dùn Èideann. Air a gheamhradh seo, son a chiad uair riamh, tha dealbhan Turner a th' air an glèidheal aig Gailearaidh Nà iseanta na h-Èirinn, air a thighinn a dh'Alba. Tha Cathy air chuairt aig Gailearaidh Nà ìseanta na h-Alba gus am faicinn, 's na cois, tha an t-ealanaiche Iseabail Mhoireach, a tha fìor dheaghal air obair Turner.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 26 Jan 2025 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal