Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.

'S e Là Eadar-Nàiseanta nam Fear a bh'ann Dimàirt. Am-bliadhna, bhathas a' togail na ceist cò na fir a tha nan deagh eisimpleir do dh' òigridh - agus a chuidicheas fir òga le bhith lorg deagh shlighe air adhart lem beatha?

Bha Seachdain nan Leabhraichean ga chomharrachadh ann an Alba an t-seachdainsa, bha ceathrar luchd-leughaidh a' taghadh an dà leabhar as fheàrr a leugh iad am-bliadhna, ag innse dè tha iad a' leughadh an-dràsta, agus a' beachdachadh air dè a' leabhar a bu mhiann leotha fhaighinn aig An Nollaig.

Chuala sinn cuideachd bho seann sgiobair a' Hebridean Isles - bàta-aiseig CalMac air an do dh' fhàs iomadach duine gu math eòlach agus dèidheil thar nam bliadhna. Tha an t-soitheach a-nise an impis a bhith air a briseadh às a chèile son ath-chuairteachadh - ach fhuair Aileen Elder cothrom a dhol air bòrd còmhla ri Ailig Moireasdan, a bha na sgiobair oirre, agus Anna NicAonghais, a bha na treas oifigear oirre. Eadar na seòmraichean aca fhèin agus tachairt ris a' chriutha mu dheireadh a bhios aice, abair gun fhiach e èisteachd ri sgeulachdan is seanchasan gu leòr mun a' "Heb Isles".

Thòisich dràma eucoir ùr, stèidhichte an Èirinn, air 91Èȱ¬ i-Player oidhche na Sàbaid 'sa chaidh. 'S ann ann an Gaelige na h-Èirinn a tha Crà le fo-thiotalan Beurla. Tha an sgeulachd stèidhichte ann an Dùn nan Gall 's na tha tachairt nuair a tha corp ga lorg ann am bogalach. Tha sia prògraman 's an t-sreath. Bha an sgrìobhaiche Catriona Lexy Chaimbeul a' toirt a beachd fhèin air dè seòrsa coltas a th' air.

28 days left to listen

57 minutes

Last on

Sunday 12:00

Broadcast

  • Sunday 12:00