le Cathy NicDhòmhnaill
Dè bhuaidh a bheir riaghaltas ùr Ameireaga is poilitigs na Gearmailt air cogadh na Ucrà in? What impact will a new US president and changes in German politics have on Ukraine?
Le còrr air mìle latha a-nis bho thòisich an cogadh eadar a' Ruis agus a' Ucrà in, tha iomadach ceist a' cuairteachadh taic Ameireaga is na Roinn Eòrpa do Kyiv. Tha riaghaltas ùr Dhòmhnaill Iain Trump air fà ire às deidh na bliadhn' ùire; tha Biden air losgadh urchairean Ameireaganach am broinn na Ruis a cheadachadh; agus tha dùthchannan leithid a' Ghearmailt fo uallach poilitigeach bho phà rtaidhean nach eil ag iarraidh barrachd taic a thoirt don Ucrà in.
Ach a bheil seo a' fà gail gu bheil an cunnart gun caill a' Ucrà in nas fhaisge? Tha Mìcheil MacAoidh ann am Virginia, Mìcheil Klevenhaus sa Ghearmailt, agus Niall Mitchison - a bha roimhe ag obair don Choimisean Eòrpach - cuide ri Cathy lem beachdan fhèin.
Cluinnidh sinn cuideachd bho seann sgiobair a' Hebridean Isles - bà ta-aiseig CalMac air an do dh' fhàs iomadach duine gu math eòlach agus dèidheil thar nam bliadhna. Tha an t-soitheach a-nise an impis a bhith air a briseadh às a chèile son ath-chuairteachadh - ach fhuair Aileen Elder cothrom a dhol air bòrd còmhla ri Ailig Moireasdan, a bha na sgiobair oirre, agus Anna NicAonghais, a bha na treas oifigear oirre. Eadar na seòmraichean aca fhèin agus tachairt ris a' chriutha mu dheireadh a bhios aice, abair gun fhiach e èisteachd ri sgeulachdan is seanchasan gu leòr mun a' "Heb Isles".
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Last Wednesday 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Last Wednesday 22:2591Èȱ¬ Radio nan Gà idheal