le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Chaidh iomadach seirbhis cuimhneachaidh a chumail air feadh na rìoghachd, agus gu dearbha air feadh an t-saoghail air an t-seachdain a chaidh, bha Aonghas Dòmhnallach ag innse beagan dhen eachdraidh a th' air cùl aon chleachdadh gu sònraichte: an dà mhionaid de shà mhchair.
Chaidh iris ùr dhen phrògram, Panorama, bhon tiotal, The Truth About Smart Meters, a-mach air telebhisean, 's e ri fhaicinn cuideachd air i-Player. Tha am prògram a' toirt sùil air dè mar a tha dol le daoine a tha an urra ris na h-innealean digiteach seo son tomhais na tha'd a' cleachdadh de dhealan. Bha triùir aoighean a' coimhead a phrògram ' s bha'd ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn, 's a toirt am beachd fhèin air na meidheadairean seo.
B' e Donnchadh MacAonghais, Cèiliche na Seachdain. 'S ann à Beà rnaraigh Leòdhais a tha Donnchadh. Thòisich e a bheath' obrach ann a Lunnainn, aig companaidh ionmhais, 's e an sàs ann am peinnseanan agus à rachas. Ghabh an cuir-seachad air an robh e cho dèidheil na òige - ag iasgach - à ite mòr na bheatha. Tha Donnchadh aithnichte air feadh nan eilean siar agus nas fharsaing mar riochdaire iasgaich. Tha e an diugh na chomhairliche ionadail air sgìre ceann a tuath Steòrnabhaigh.
Chuala sinn bho chionn co-là -deug mar a chaidh luach trì chiad mìle not de chà is a ghoid à bùth ann a Lunnainn. Dè tha fà gail cà is cho luachmhòr agus cà ite is ciamar a tha an fheadhainn as prìseil ‘s an t-saoghal gan dèanamh? Bha an còcaire Alasdair MacLeòid a'rannsachadh na sgeòil.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 17 Nov 2024 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal