le Cathy NicDhòmhnaill
Dè na rathaidean as fheà rr a tha còrdadh ri draibhearan? What are some of drivers' favourite roads for a spin?
Fhuair cunntas-bheachd de dhraibhearan ann am Breatainn gur e rathad ann an ceann a' tuath Shasainn a b' fhèarr a bha a' còrdadh riutha son cuairt sa chà r. Ach dè as fheà rr le Murchadh Caimbeul, Mà iri Ross, agus Coinneach MacMhathain - triùir a tha air iomadach turas fada a ghabhail nan cà raichean? Gheibh Cathy a-mach dè na beachdan a th' aca fhèin.
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' bruidhinn ris an t-Urr. Dòmhnall Mìcheil MacAonghais mu dhìleab agus sgeulachd beatha an Urramaich Iain MacLeòid, Iain Beag Àrnoil - a choisinn cliù mar shearmonaiche, mar sgrìobhaiche, agus mar bhà rd. Ann an eaglais san robh e ri ministrealachd san Òban, carson a tha e fhathast cudromach an-diugh?
Agus leis a' naidheachd gu bheil barrachd is barrachd 'cottage cheese' ga reic - tha ceathrar còmhla ri Cathy a' cuimhneachadh air rudeigin gu math coltach ris, ach gu math eadar-dhealaichte cuideachd - gruth. Ciamar a bhathas ga dhèanamh, carson a bha e cho blasda - agus saoil am bu chòirear a dhèanamh a-rithist? Deagh chòmhradh gus an acras a chuir oirnn agus cuimhneachain òige nuair a bha crodh bhainne fhathast gu math pailt air a' Ghà idhealtachd.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 7 Nov 2024 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Thu 7 Nov 2024 22:2591Èȱ¬ Radio nan Gà idheal