Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

A bheil gnìomhachas mòr nan càraichean sa Ghearmailt ann an cunnart a dhol à bith? Is the famed German automotive industry in danger of decline?

Tha Volkswagen air gearraidhean mòra ainmeachadh anns a' chompanaidh aca - rud a th' air iomagain mòr adhbhrachadh sa Ghearmailt. Tha eaconamaidh na Gearmailt gu mòr a' crochadh air na gnìomhachasan trom leithid togail chàraichean; ach a bheil trioblaidean Volkswagen na chomharra gu bheil trioblaid nas bunaitiche air fàire do ghnìomhachas chàraichean na Gearmailt? Tha na Gearmailtich Crìsdean Stroemsdoerfer agus Mìcheil Klevenhaus an cuideachd Cathy gus cnuasachadh air a' cheist sa.

Bidh Iomain Cholmcille - tachartas is farpais iomain eadar Alba is Èirinn - ann an Leòdhas son a' chiad uair riamh aig an deireadh sheachdain. Tha Eòghan Stiùbhart ag innse barrachd mun iomairt agus mu na tachartasan; agus mu òraid a bhios e fhèin a' toirt seachad air eachdraidh iomain ann an Leòdhas.

Cluinnidh sinn cuideachd bho Marcel Gurillo à Valencia - agus mun dòigh a tha muinntir na Spàinne a' coimhead ris an teaghlach rìoghail aca às dèidh nan tuiltean uabhasach sna làithean mu dheireadh.

Agus le Oidhche Guy Fawkes air fàire - tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air a bhith a' bruidhinn ri eòlaichean mu na thachair o chionn ceithir cheud bliadhna ann an Lunnainn, agus mar a tha e a' fàgail gu bheil bailtean is coimhearsnachdan air feadh na dùthcha fhathast a' lasadh theintean mòra a-nochd.

8 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 5 Nov 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 5 Nov 2024 09:00
  • Tue 5 Nov 2024 22:25