Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceud bliadhna bho chaidh insulin a chleachdadh an toiseach airson tinneas an t-siùcair. A hundred years since insulin was first used to treat diabetes.

Mìnichidh an t-oifigear sàbhailteachd-tèine, Iain Caimbeul, na riaghailtean ùra co-cheangailte ri innealan-rabhaidh teine nar dachaighean.

Tha ceud bliadhna bho chaidh insulin a chleachdadh an toiseach airson tinneas an t-siùcair. Gheibh sinn eachdraidh an leighis bhon Dotair Ailean Mac an Tuairneir agus innsidh Marie Diùc mar a thòisich an tinneas oirre fhèin aig aois gu math òg.

Chaidh iomhaigh bàrd ainmeil Aimeireaganach Maya Angelou a chur air bonn cairteal-dolar . 'S e seo a' chiad uair a-riamh a chaidh iomhaigh boireannach Afraganach-Aimeireaganach a chleachdadh air a' bhonn. Gheibh sinn eachdraidh-beatha Maya Angelou agus eisimpleirean de cuid bàrdachd bho Beth Frieden.

Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' toirt sùil air ais air na naidheachdan a nochd ann an Gasaet Steòrnabhaigh air an t-seachdain seo ann a 1950.

57 minutes

Last on

Tue 18 Jan 2022 21:00

Broadcasts

  • Tue 18 Jan 2022 09:00
  • Tue 18 Jan 2022 21:00