16/11/2021
Suidheachadh èiginneach aig a' chrìoch eadar Belarus agus a' Phòlainn. The border crisis between Poland and Belarus.
Mìnichidh Derek MacAoidh mar a tha an suidheachadh aig a' chrìoch eadar Belarus agus a' Phòlainn air ìre èiginneach a ruighinn leis an Aonadh Eòrpach a-nise a' dol a chur ris na smachd-bhannan eaconomach a bha iad air a chur air Belarus.
Dè dìreach na còirichean a th’ aig prìosanaich air feadh an t-saoghail a tha a’ faighinn peanas-bais? Gheibh sinn beachd Mhurchaidh Mhicleòid, Iain Mac a' Phearsain agus Mìcheil MacAoidh air a' chùis.
Bhà saich FW de Clerk, an ceann-suidhe mu dheireadh a bh' air Afraga a Deas aig à m an sgaradh-cinnidh, an t-seachdain a chaidh. Gheibh sinn eachdraidh de Clerk bho Mhà iri Ward, a bha a' fuireach ann an Afraga a Deas nuair a bha e na cheann-suidhe.
Agus cluinnidh sinn bho Aonghas Pà draig Caimbeul gur ann air an t-seachdain seo ann an 1954 a dhùin an t-ionad in-imrich air Eilean Ellis ann an caladh New York a bha air 12 millean luchd-imrich a là imhseachadh, iomadh Gà idheal nam measg, bhon a dh'fhosgail e ann an 1892.
Last on
Broadcasts
- Tue 16 Nov 2021 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Nov 2021 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal