Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sùil air ais air a' chiad bhliadhna aig Joe Biden mar Cheann-suidhe Ameireagaidh. A look back at Joe Biden's first year as President.

Tha bliadhna a-nise bho rinn Joe Biden a' chùis air Dòmhnall Trump san taghadh agus a chaidh ainmeachadh mar cheann-suidhe ùr Ameireagaidh. Bheir sinn sùil air ais air a' chiad bhliadhna de cheannas Biden còmhla ri còignear à difir stàitean an Ameireagaidh.

Chaidh prìomh bhaile na h-Ìmpireachd Mhongolachd, Karakorum, a chur air clàr airson a’ chiad uair, a' sealltainn gu robh am baile a chaidh a stèidheachadh le mac Genghis Khan bho chionn seachd ceud bliadhna, tòrr nas motha na bhathar an dùil. Gheibh sinn eachdraidh na h-Ìmpireachd Mhongolachd bho Chalum Iain Bartlett agus mìnichidh e cò bh' ann an Genghis Khan

Tha coltach gu bheil duilleagan an lus matalafi, a tha gu math cumanta ann an Samoa, a cheart cho èifeachdach ri ibuprofen airson dèiligeadh ri at, agus gun dèanadh e feum do dhaoine a tha a' fulang le galar Parkinson's agus aillse, a rèir rannsachaidh ùir. Cluinnidh sinn bho Chalina NicDhòmhnaill mu na lusan agus planntaichean cumanta eile a thathar a' cleachdadh airson leigheas.

57 minutes

Last on

Wed 10 Nov 2021 21:00

Broadcasts

  • Wed 10 Nov 2021 09:00
  • Wed 10 Nov 2021 21:00