Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a tha baile Ghlaschu a' deisealachadh airson co-labhairt nan Dùthchannan Aonaichte, COP26. How is Glasgow preparing to host the United Nations COP26 Conference.

Mìnichidh am fear-naidheachd, Darren Laing, mar a tha baile Ghlaschu a' deisealachadh airson co-labhairt nan Dùthchannan Aonaichte, COP 26, a tha a' tòiseachadh air an latha mu dheireadh den mhìos. Cluinnidh sinn cuideachd bho Chalum MacFhioghain, a tha a’ fuireach faisg air an SEC, far a bheil an co-labhairt gu bhith air a chumail, mun a’ bhuaidh a tha an cruinneachadh a’ dol a thoirt air beatha laitheil muinntir na sgìre sin de Ghlaschu.

Dè an dòigh as fheàrr do luchd-iomairt na beachdan aca a thoirt gu aire a' mhòr-shluaigh? Gheibh sinn beachd Barabra NicGhriogair agus Aonghas MacAoidh air a' chuspair.

Tha Amazon, a bha a’ reic bho làrach-lìn a-mhàin, a’ fosgladh bùth ann a Lunnainn. Mìnichich an t-eòlaiche-gnìomhachais, Faye NicLeòid, carson a tha iad a‘ dèanamh seo nuair a tha a' chùis-uamhais de bhùithtean sna bailtean mòra a’ dùnadh? Agus innsidh Michael MacAoidh mar a tha cùisean a‘ dol dhan chompanaidh ann an Ameireagaidh.

Agus innsidh Aonghas Pàdraig Caimbeul dhuinn gur ann air an t-seachdain seo ann an 1850 a fhuair Seumas Young peutant airson a' pharafain.

57 minutes

Last on

Tue 12 Oct 2021 23:00

Broadcasts

  • Tue 12 Oct 2021 09:00
  • Tue 12 Oct 2021 23:00