Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè a' bhuaidh a bheir na Taliban air beatha bhoireannaich ann an Afganastan? How will women be affected by the Taliban's control of Afghanistan?

Thòisich sreath ùr den phrògram telebhisean Mortimer & Whitehouse: Gone Fishing oidhche na Sàbaid air 91Èȱ¬2. Thairis air na prògraman tha iad a’ siubhal air feadh Bhreatainn agus a' dèanamh beagan iasgach. Anns a' chiad prògram san t-sreath thadhail iad air Uibhist a Tuath. Tha Coinneach an-diugh a' bruidhinn ri dithis a tha gu math eòlach air a bhith ag iasgach sna h-eileanan mu na h-àitichean as fhèarr leotha airson a bhith a-muigh le slat.

Tha na Taliban air innse gu bheil iad gu bhith a' riaghladh Afganastan a rèir lagh Sharia, an lagh Ioslamach. Dè a tha seo a' ciallachadh do mhuinntir Afganastan, gu h-àraid do bhoireannaich na dùthcha? Tha eòlaiche an Ear-mheadhanaich Iain Mac a' Phearsain ga mhìneachadh dhuinn agus gheibh sinn beachd bho Sheonag NicDhòmhnaill, a b' àbhaist a bhith a' fuireach agus ag obair san dùthaich.

Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' toirt sùil air ais ann an eachdraidh. An-diugh, mar a choinnich Lech Wałęsa agus iomairt Solidarity le ceannardan An Aonaidh Shoibhietaich ann an 1980.

57 minutes

Last on

Tue 31 Aug 2021 21:00

Broadcasts

  • Tue 31 Aug 2021 09:00
  • Tue 31 Aug 2021 21:00