Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a tha gnìomhachas an uisge-beatha a' soirbheachadh ann an Iapan. How the whisky industry is thriving in Japan.

Tha an riaghaltas air molaidhean ùr fhoillseachadh mar phàirt de phlana ùr air eucoir. Am measg na molaidhean tha beachd toirt air eucoraich a th' air a bhith ri dol a-mach mì-shòisealta pàigheadh gu poblach airson an eucoirean ann an seacaidean follaiseach buidhe. Gheibh sinn beachd bho Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein, a tha na eòlaiche air cùram sòisealta, air na tha an riaghaltas a’ moladh sa phlana.

An t-seachdain sa chaidh bha Alasdair Macleòid a’ toirt sùil air biadh agus deòch à Iapan ri linn ‘s gu bheil na Geamannan Oilimpigeach a' gabhail àite san dùthaich an-dràsta. Thog e air cho mòr 's a tha uisge-beatha san dùthaich. Tha Murchadh Caimbeul ag obair anns a’ ghnìomhachas agus tha e air a bhith a’ toirt sùil air mar a thòisich gnìomhachas an uisge-beatha ann an Iapan agus ciamar a dh’fhàs e gu bhith cho soirbheachail 's a tha e an-diugh.

Agus ma tha na Geamannan Oilimpigeach air spionnadh a thoirt dhut gus spòrsan eadar-dhealaichte fheuchainn tha comhairle againn dhut air mar as urrainn spòrs ùr fheuchainn. An-diugh, Tae Kwon Do agus Coinneach Combe ag innse mu na dòighean a th' ann pàirt a ghabhail san spòrs.

57 minutes

Last on

Thu 29 Jul 2021 21:00

Broadcasts

  • Thu 29 Jul 2021 09:00
  • Thu 29 Jul 2021 21:00