Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cleasaichean Albannach an là an-diugh

Suipear son an deireadh sheachdain. An-diugh sliosan circe air an còcaireachd ann an diofar dhòighean le Mark Mac a' Ghobhainn. Mark Smith cooks chicken thighs for supper.

Tha Mark Mac a' Ghobhainn còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill le suipeir airson deireadh na seachdain. An t-seachdain'sa, 's e sliosan circe air an còcaireachd ann an diofar dhòigean a th'aige.. Tha Mark cuideachd, gach Dihaoine, a'toirt sùil air beatha agus obair còcaire ainmeal. An-diugh, Paul Hollywood.

Cluinnidh sinn bho Christina NicChonail mu Claudette Colvin. Cha robh Claudette ach còig blidhna deug nuair a shuidh i air bus ann an Montgomery, Alabama, ann an
suidheachan a bh'air a chomharrachadh do dhaoine geala a-mhàin agus chaidh i dhan a phrìosan air a shàilleamh. Bha seo faisg air bliadhna mus do thachair an aon rud ri Rosa Parks. Ged as aithne dhuinn uile sgeulachd Rosa Parks, gheibh sinn a-mach carson nach robh sgeulachd Claudette cho aithnichte.

Nochd dealbhan breàgha 's na naidheachdean an dè, de bhroc bheag òg, a chaidh a lorg ann an coille faisg air Inbhirnis, 's e air chall bhon corr dhen t-àl. Tha e a-nise fo chùram Comann Rìoghail Albannach airson Dìon nan Ainmhidhean, a tha ga àrach. Cluinnidh sinn an tuilleadh mu na beathaichean sonraichte so bhon t-eòlaiche ainmhidhean, Eòghann MacChoinnich.

Agus bidh Lana Pheutan a' toirt sùil air beatha agus obair chleasaichean Albannach an là an-diugh. 'S e David Tennant agus Shirley Henderson a th'aice an-diugh.

Ceòl bho Justin Bieber, Bow Anderson, Celeste agus mòran eile. www.bbc.co.uk/feasgar

1 hour, 27 minutes

Music Played

  • Justin Bieber

    Anyone

  • Bow Anderson

    Island

  • Graham Colton

    Where I'll Be

  • Celeste

    Hear My Voice

  • Ed Sheeran

    Afterglow

Broadcast

  • Fri 26 Feb 2021 12:30